• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Rannsachadh Caol Acain

An t-Iuchar 29, 2014, Eilidh Scammell

Le Edit Wenelius

Is mise Edit Wenelius agus tha mi a’ dèanamh an sgeama greis gnìomhachais samhraidh air maoineachadh le Comunn na Gàidhlig còmhla ri Ainmean-Àite na h-Alba. ’S ann às an Fhionnlainn a tha mi bho thùs ach tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Alba agus Gàidhlig ionnsachadh airson faisg air còig bliadhna a-nis.

Bha ùidh agam ann an ainmean-àite mus do thòisich mi an greis gnìomhachais agus bha an ùidh seo gu ìre mhòr air a dùsgadh bho mhodal onomastics (eòlas air ainmean) a rinn mi mar phàirt den chùrsa fo-cheum agam. Mar thoireadh air a’ mhodal seo, thuig mi dè cho cudthromach ’s a tha rannsachadh ainmean-àite gus eachdraidh agus dualchas, agus cuideachd tùs agus leasachadh cànan ann an àite sam bith a thuigsinn.

’S ann air ainmean-àite ionadail anns na sgìrean Caol Acain agus Caol Reatha a chaidh iarraidh orm rannsachadh a dhèanamh. Thòisich mi le fiosrachadh air na h-ainmean-àite anns na sgìrean seo a lorg le cuideachadh bho faclairean, leabhraichean agus mapaichean agus as a sin, chruthaich mi mapa air Google Earth far an do chuir mi na h-ainmean còmhla ris an fhiosrachadh a bha mi air cruinneachadh.

Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air tùs nan ainmean seo agus sgeulachdan sam bith mun deidhinn, bha cuideachd agam ri agallamhan a chlàradh còmhla ri daoine a bhuineas dhan sgìre seo.

Tha mi air dà agallamh a dhèanamh agus thog iad m’ aire gur e sgìre gu math dùbhlanach a thaobh rannsachadh ainmean-àite a tha seo. Mar a chaidh a ràdh anns na h-agallamhan: chan eil mòran daoine a bhuineas don sgìre agus aig a bheil Gàidhlig air fhàgail ann an Caol Acain agus Caol Reatha. Mar sin, tha ainmean ann (mar Mudalach, Allt Anabhaig agus Gleann Arrachd) nach urrainn dhuinn riamh a bhith cinnteach às am mìneachadh. Mhothaich mi cuideachd gun robh uaireannan diofar mòr eadar na leabhraichean agus na chaidh a ràdh leis na daoine ris an do bhruidhinn mi a thaobh tùs nan ainmean seo. Mar eisimpleir, chaidh a mholadh le Forbes ann an Place-names of Skye and the Adjacent Islands gur e am facal arrachd dwarf a tha a’ nochdadh ann an Gleann Arrachd, ach chaidh a ràdh anns an dà agallamh gu bheil e nas coltaiche gur e cruth aig darach, oak a th’ ann. Mar sin, ma tha taghadh ann eadar dà chiall a thaobh ainm shònraichte, tha e nas coltach gur e am fear nas ‘sìmplidh’, mar as àbhaist cengailte ris an nàdar, a tha ceart. Tha cuideachd ainmean san sgìre seo – dìreach mar sgìre sam bith – a tha gu math soilleir, mar An t-Eas Bàn, An Dùnan Ruadh agus Coire Bhuidhe ach ’s ann às na h-ainmean nach eil cho soilleir, mar an eisimpleir gu h-àrd, a dh’ionnsaich mi rudan feumail a thaobh rannsachadh ainmean-àite.

Tha e cuideachd air a bhith na bhuannachd dhomh gur e Suainis mo chiad chànan – leis a’ phailteas de dh’ainmean le tùs Lochlannach a tha rim faighinn anns na sgìrean seo, tha seo gam chuideachadh airson cuid de na fhaclan anns na h-ainmean a thuigsinn. Tha mi cuideachd air tar-sgrìobhaidhean a dhèanamh air na h-agallamhan a chaidh a dhèanamh airson a’ phròiseict seo an-uiridh agus ged a bha iad a’ gabhail àite ann an sgìrean diofraichte, tha iad air a bhith cuideachail dhomh gus tuigse a ruighinn air na diofar seòrsaichean de dh’ainmean a tha rim faighinn anns na sgìrean seo. ’S e pròiseact air leth inntinneach a tha seo agus tha mi toilichte gu bheil mi air cothrom fhaighinn a bhith a’ gabhail pàirt ann.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention £16.99
  • Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd £0.00

Naidheachdan

A’ lorg Ainmean-àite ro Bracaist

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

BNAG Logo

Copyright © 2023 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}