Tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) a’ meas prìobhaideachd phearsanta na chùis chudromach agus tha e ag obair a rèir laghan na Rìoghachd Aonaichte airson prìobhaideachd a luchd-cleachdaidh a ghleidheadh.
Tha AÀA a’ cumail fiosrachadh pearsanta a rèir Achd Dìon Dàta 1998. Tha am poileasaidh seo a’ cur an cèill nan dòighean a chleachdas is a dhìonas sinn fiosrachadh sam bith a bheir thu seachad ’s tu a’ cleachdadh na làraich-lìn seo. Tha thu ag aontachadh gu bheil thu a’ gabhail ri cruinneachadh is cleachdadh an fhiosrachaidh agad a rèir a’ phoileasaidh sa.
Neach-stiùiridh-dàta
Ma tha thu airson fiosrachadh a tha AÀA a’ cumail atharrachadh no a dhubhadh às, cuir teachdaireachd thugainn tron duilleag fios.
Na tha sinn a’ cruinneachadh
- ’S ma dh’fhaoidte gum bithear ag iarraidh ort fiosrachadh pearsanta a thoirt seachad airson litrichean-naidheachd, a’ bhùth air-loidhne no seirbheisean rannsachaidh a chleachdadh. ’S ma dh’fhaoidte gum biodh an t-ainm, an tiotal, an seòladh is an àireamh-fòn agad am measg an fhiosrachaidh seo, a dheigheadh a chumail air pàipear no air coimpiutair.
- ’S ma dh’fhaoidte gun iarr foirmichean-lìn ort fiosrachadh cairt-chreideis agus/no banca a chur thugainn gus an tèid againn air bathar no seirbheisean a thoirt seachad. Tha na foirmichean seo ag obair air ceangal dìonach gus an tèid fiosrachadh a chumail sàbhailte.
Na nì sinn leis an fhiosrachadh
- Tha e air a chleachdadh airson am bathar, na seirbheisean no am fiosrachadh a bha thu ag iarraidh a sholarachadh
- Tha sinn a’ sgrùdadh an fhiosrachaidh airson an làrach-lìn againn a leasachadh
- Bidh sinn a’ sgaoileadh fios air atharrachaidhean do na seirbheisean againn
Cha tèid fiosrachadh pearsanta a chleachdadh ach a rèir nan adhbharan a chaidh a chur an cèill is cha tèid a reic, a cheadachadh no a mhalairteachadh do dhaoine eile ach ma dh’fheumas a rèir an lagha.
Brath
Tha am fiosrachadh an lùib na làraich-lìn seo mar fhiosrachadh coitcheann a-mhàin. Tha am fiosrachadh ga thoirt seachad le AÀA agus ged a tha sinn a’ feuchainn ri fiosrachadh a chumail ceart is freagarrach, bidh cuid a rudan ag atharrachadh an-dràsta ’s a rithist. Cha bhi coire air AÀA airson fiosrachadh a thèid atharrachadh is thathar a’ gleidheadh na còrach airson am fiosrachadh atharrachadh nuair a thogras. Mar sin, ’s ann an urra riut fhèin dè an earbsa a tha thu a’ cur air an fhiosrachadh.
Tha ceanglaichean do làraichean-lìn le buidhnean is goireasan eile taobh a-muigh AÀA air an làraich-lìn sa. Chan eil smachd againn air dè an t-susbaint a nochdas air na làraichean sin. Chan eil foillseachadh nan ceanglaichean sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ moladh no a’ dol le beachdan nan làraichean sin.
Thathar a’ dèanamh a h-uile oidhirp airson an làrach sa a liubhairt gu h-èifeachdach. Ach cha bhi coire air AÀA ma bhios gnothaichean teicnigeach ag adhbharachadh nach bi an làraich ri fhaighinn air chor sam bith.
Faodaidh AÀA am poileasaidh seo atharrachadh bho àm gu àm le bhith ag ùrachadh na duilleig seo. Bu chòir dhut sùil a chumail air an duilleig bho àm gu àm feuch a bheil thu a’ cumail ris a h-uile atharrachadh.
Coimpiutaireachd air Criomagan (Cookies)
Dè th’ ann an criomagan?
‘S faidhle beag a th’ ann an criomag a bhios a’ sireadh cead a bhith suidhichte air draibh cruaidh a’ choimpiutair agad. Bidh a’ chriomag a’ cuideachadh le sgrùdadh trafaic lìn no ag innse dhut gu bheil thu air tadhal air làrach shònraichte. Tha i a’ leigeil le prògraman lìn freagairt a thoirt dhut mar neach-cleachdaidh fa leth. Chan eil criomag, air chor sam bith, a’ leigeil leinn an coimpiutar agad no fios mu do dheidhinn a chleachdadh, ach na tha thu fhèin airson a thoirt dhuinn.
Ciamar tha sinn gan cur an sàs?
Tha sinn a’ cleachdadh trì prìomh sheòrsachan chriomagan.
- Criomagan a tha am bathar-bog-lìn a’ cleachdadh (airson na mòr-chuid, ainmean a’ tòiseachadh le wp_) – can gu bheil sinn a’ cumail nam beagan duilleagan mu dheireadh air an robh thu gus an toir sinn thu air ais far an robh thu mus do lìon thu foirm, no ‘s ma dh’fhaoidte gun steidhich sinn criomag airson innse dhuinn dè cho fad ‘s a dh’fheumas sinn fiosrachadh a thasgadh dhut. Tha a’ bhùth-lìn a’ cur chriomagan an sàs airson a’ bhasgaid agad a chuimneachadh is an t-òrdugh a chur air dòigh. Faodaidh tu gabhail ris na criomagan seo no an diùltadh, ach mura h-eil an làrach ag obair mar bu chòir, ‘s dòcha gum feum thu gabhail riutha.
- Criomagan a sgrùdas trafaic (tòiseachadh le __utm) – tha sinn a’ cleachdadh Google Analytics airson faighinn a-mach ciamar a tha daoine a’ cleachdadh na làraich againn, agus airson seirbheis nas fheàrr a chur an gnìomh is sinn a’ sgrùdadh nan duilleagan a thathar a’ meas feumail is nach eil feumail. Tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh air adhbharan sgrùdaidh a-mhàin.
- Criomagan ioma-mheadhan is sòisealta – ‘s ma dh’fhaoidte gum bi cuid de na meadhanan fillte air na duilleagan againn, a leithid bhideothan YouTube no goireasan Facebook, a’ cleachdadh chriomagan airson an t-seirbheis a dhèanamh nas fheàrr, is iad ga dèanamh nas pearsanta. Tha na criomagan seo riatanach, mar as àbhaist, airson am fiosrachadh ioma-mheadhan is sòisealta againn a chleachdadh, agus le bhith gan cleachdadh, tha thu ag aontachadh gun tèid an stèidheachadh.
Agus thèid criomag a tha fìor riatanach a stèidheachadh airson cuimhne a chumail gun do dhùin thu am fios mu dheidhinn nan criomagan.
Dè a nì mi mur a bheil mi airson gabhail ri criomagan?
Tha suidheachaidhean anns a’ bhrobhsair-lìn agad a leigeas leat smachd a chumail air mar a bhios tu a’ brobhsadh làraichean-lìn. Tha seo a’ gabhail a-steach suidheachaidhean gus rian a chumail air na criomagan agad. Thoir sùil air fiosrachadh cuideachaidh do bhrobhsair no tadhail air na ceanglaichean gu h-ìosal airson barrachd fiosrachaidh:
To find out more about our Cookies please visit our Cookie Policy page.