Air an duilleag seo gheibhear fiosrachadh air cuid de na pròiseactan rannsachaidh a tha sinn air a bhith an sàs ann. San àm ri teachd tha sinn an dòchas gum bi seo a’ gabhail a-steach cuid den bhun-stuth bho phròiseactan ainm-àite ionadail a dh’fhaodadh a bhith feumail do luchd-rannsachaidh eile.
Coilltean Caillte (2024)
Chuir Coilltean Caillte roimhpe clàr a stèidheachadh de gach ainm-àite ann an Alba a tha ag innse gu bheil no gun robh coille ann. Tha an rannsachadh domhain seo, leis an Dr Jake King aig Ainmean-Àite na h-Alba, a’ toirt cudrom air a’ Ghàidhlig ach tha ainmean ann cuideachd a thàinig on Bheurla Ghallda, on Bheurla Shasannach, Lochlannais agus on Bhriothannais. Chaidh còrr is 15,000 ainm a chruinneachadh. Tha mòran dhe na h-ainmean seo ann an coilltean àrsaidh ach chan eil sgeul air coille ann an iomadh àite an-diugh. Saoil an robh coilltean sna h-àitichean seo a chaidh à bith ’s à cuimhne?
Faic aithisg a’ phròiseict an seo.
Mhaoinich Future Woodlands Scotland, Oilthigh Dhùn Èideann agus NàdarAlba am pròiseact.
Sreath A’ Gàidhlig air Aghaidh na Tìre
ann an com-pàirteachas le NàdarAlba
Ainmean-àite Èirisgeigh (2019)
Ainmean-àite Cholbhasa agus Orasa (2017)
Ainmean-àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach (2015)
Garbh-Chrìochan Loch Abar (2013)
Ainmean-àite ann an Ìle agus Diùra (2011)
Chaidh an sreath de leabhranan seo a sgrìobhadh ann an com-pàirteachas le NàdarAlba airson daoine ’s ar n-àrainneachd nàdarra a chomharrachadh. Le bhith a’ cleachdadh eòlas nan daoine às na sgìrean, tha beartas de dh’ainmean-àite – mòran dhuibh nach do nochd ann an clò riamh roimhe – gan lorg le luchd-raoin ionadail.
Seo na buidhnean maoineachaidh is com-pàirteachaidh a bha an sàs: NàdarAlba, Soillse, CnaG is Ceòlas.
Tha sinn an dùil bun-stuth an obair-raoin fhoillseachadh an seo ann an ùine nach eil fada airson ùidh luchd-rannsachaidh eile. San eadar-ama, gheibhear lethbhreac PDF de gach leabhran on bhùth againn far am faighear cuid lethbhreacan chruaidh airson cìs puist.