’S ann air Disathairne 2 Cèitean 2026 a thug Co-labhairt an Earraich aig Comann Ainmean-Àite na h-Alba àite, aig a’ Chultarlann ann an Inbhir Nis. B’ e co-labhairt shònraichte a bh’ ann gus ceud bliadhna bho fhoillseachadh The History of Celtic Place-names of Scotland le Uilleam MacBhatair a chomharrachadh.

Am measg nam pàipearan aig a’ cho-labhairt thug triùir seachad òraid ceangailte ri MacBhatair. Bhruidhinn Ruairidh MacIlleathain mun rannsachadh aig MacBhatair air ainmean-àite Inbhir Nis, agus Nevis Hulme mun rannsachadh aig MacBhatair air ainmean-àite Gheàrrloch. Cuideachd, thug àrd-rannsaiche Ainmean-Àite na h-Alba, an Dr Jacob King, seachad òraid mun leabhar ùr aige, Further Scottish Place‑Name Papers of William J. Watson, a tha ag amas air na h‑uile sgrìobhadh aig MacBhatair nach deach fhoillseachadh anns na leabhraichean eile aige, no ann an Scottish Place‑Name Papers (2002) a thoirt ri chèile. Faic am brath-naidheachd mun leabhar an seo.

An ath latha, mar phàirt den cho-labhairt, chuir mi fhèin is Ruairidh MachIlleathain cuairt ainmean-àite Inbhir Nis air dòigh. Bho Taigh a’ Bhaile choisich còrr is fichead neach suas dhan Chaisteal, sìos ri taobh na h-aibhne, thairis air a’ Bhucht agus suas dhan uaigh aig MacBhatair aig bàrr Tom na h-Iùbhraich. Bha deagh chòmhradh againn mu iomadh ainm-àite, Clach na Cùdainn, Baile na Faire, Loch na Seanais agus Ceann a’ Mhìlidh nam measg.
Faodaidh sibh lethbhreac den leabhar fhaighinn bhon bhùth againn an seo.

Footer
Ainmean-Àite na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot
Ceanglaichean Feumail
Prìomh chlàr
Lorg
Lean sinn
Functional cookies Always active
Statistics (anonymous)
Statistics (anonymous)
Marketing