Tha Ainmean‑Àite na h‑Alba air leth toilichte Further Scottish Place‑Name Papers of William J. Watson, air a dheasachadh leis an Dr Jacob King, fhoillseachadh.

Bha Uilleam MacBhatair (1865-1948) air aon de na daoine a bu chudromaiche ann an rannsachadh air ainmean-àite na h-Alba agus cànanachas eachdraidheil is litreachas na Gàidhlig. Aithnichte gu sònraichte airson Place-names of Ross and Cromarty (1904) agus Celtic Place-names of Scotland (1926), tha a chuid obrach na bhunait do sgoilearachd ainmean-àite na h-Alba an latha an-diugh.
Tha Further Scottish Place‑Name Papers ag amas air na h‑uile sgrìobhadh aig MacBhatair nach deach fhoillseachadh anns na leabhraichean gu h‑àrd no ann an Scottish Place‑Name Papers (2002) a thoirt ri chèile. Anns an leabhar, tha artaigilean bho Chruinneachadh MhicGilleMhìcheil-MhicBhatair nach deach fhoillseachadh riamh roimhe, artaigilean a chaidh fhàgail a-mach às na leabhraichean aige, litrichean a chaidh fhoillseachadh ann am pàipearan-naidheachd, earrannan bho obair dhaoine eile a thug iomradh air beachdan MhicBhatair, stuth bho na leabhraichean rannsachaidh aige, conaltradh prìobhaideach, agus sgrìobhaidhean measgaichte eile. Tha eàrr-ràdh ann a tha a’ feuchainn ris na ghabhas de na daoine a thug fiosrachadh do MhacBhatair aithneachadh.
Le clàr‑innse coileanta agus le co-theacsa air a chur ris gu faiceallach, tha an leabhar seo deatamach an cois Scottish Place‑Name Papers agus tha e na ghoireas cudromach do sgoilearan ainmean‑àite na h‑Alba agus sgoilearan na Gàidhlig.
Tha an Dr Jacob King na Àrd-rannsaiche aig Ainmean-Àite na h-Alba, a’ bhuidheann a tha an urra ri bhith a’ toirt seachad cruthan ùghdarrasail de dh’ainmean-àite Gàidhlig airson cleachdadh ann am meadhanan leithid foillseachaidhean agus soidhnichean dà-chànanach. Tha e air grunn artaigilean mu ainmean-àite a sgrìobhadh, agus tha e air aon de na h-ùghdaran de shreath Gàidhlig air Aghaidh na Tìre aig NàdarAlba agus dheasaich e Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson (2019).
“’S e ulaidh a tha seo, làn sheudan rannsachaidh agus lèirsinn aig prìomh eòlaiche ainm-àite na h‑Alba an fhicheadamh linn. Tha sgoilearachd ùghdarrasail an Àrd-ollaimh MhicBhatair ga thaisbeanadh ann an co-theacsa eachdraidheil, cànanach, cruinn-eòlasach agus cultarail nas fharsainge, a’ fàgail gu bheil an cruinneachadh seo riatanach do dhuine sam bith a tha ag ionnsachadh mu ainmean-àite na h-Alba.”
Ruairidh MacIlleathain, Oide air Cruth-tìre Gàidhlig

Chaidh an leabhar a chur air bhog aig co-labhairt an Earraich aig Comann Ainmean-Àite na h-Alba ann an Inbhir Nis air 2 Cèitean 2026. Tha e gu math drùidhteach gun deach an leabhar a chur air bhog aig an tachartas seo oir b’ e co-labhairt shònraichte a bh’ ann gus ceud bliadhna bho fhoillseachadh The History of Celtic Place-names of Scotland le Uilleam MacBhatair a chomharrachadh.

Footer
Ainmean-Àite na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot
Ceanglaichean Feumail
Prìomh chlàr
Lorg
Lean sinn
Functional cookies Always active
Statistics (anonymous)
Statistics (anonymous)
Marketing