• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Ainmean-àite Shlèite agus An t-Sratha

An t-Sultain 6, 2013, Eilidh Scammell

Le Ruairidh Graham

Airson nan deich seachdainean a chaidh seachad tha mi air a bhith ag obair mar phàirt den sgioba aig oifis Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), air thoradh an sgeama ghreis-ghnìomhachais an co-bhann le Comann na Gàidhlig (CNAG). Tha an sgeama nàiseanta seo air a ruith gus cosnadh a thoirt do dh’oileanaich Ghàidhlig thar an t-samhraidh, agus gum faigh iad cothrom a bhith an lùib àite-obrach far am bi Gàidhlig air a’ chleachdadh mar a’ phrìomh chànan chonaltraidh. Chaidh iarraidh orm rannsachadh a dhèanamh mar phàirt den obair seo air ainmean-àite ionadail sna sgìrean Slèite is an t-Srath.  

Airson seo a dhèanamh, chaidh mi a-mach gus agallamhan a chlàradh le daoine ann an Ealaghol, Heasta, Breacais/An t-Àth Leathann is An Àird, a’ feuchainn gum beir iad fiosrachadh is eòlas àraid mu na h-ainmean a bhuineas dhan sgìre aca fhèin.

Leis an fhiosrachadh a fhuair mi, chruthaich mi mapa air Google earth, a’ sealltainn na h-ainmean gu h-amaiseach far a bheil iad, is beagan fiosrachaidh air cùl na h-ainmean cuideachd. ’S urrainn dhuibh sùil a thoirt air na rinn mi ma bhrùthas sibh air na ceanglaichean seo:

Heasta, Ealaghol is An Àird
Breacais is An t-Àth Leathann

’S e cuspair gu math mòr a tha seo is chruthaich mi cha mhòr 500 faclan uile gu lèir. Mar sin bidh cuid de rudan fhathast ri dhearbhadh, is barrachd ri chur ann. Tha min dòchas, ged a bhios mi fàgail an-diugh, gun lean mi orm leis a’ phròiseact seo san ùine agam fhèin.

’S e cuspair uabhasach fhèin inntinneach a th’ ann an ainmean-àite, is rud a tha fìor chudromach do chultar is dualchas nan Gàidheal. Ged nach robh mòran eòlas agam fhìn, is aideachaidh mi beagan aineolach cuideachd dhan luach aig na h-ainmean seo, chaidh mo bheò-ghlacadh leis a’ chuspair is ionnsaich mi an t-uabhas.

Tha mi airson taing a thoirt gu Eilidh Scammell, Dr Jake King is comataidh AÀA airson an fhoighidinn a bh’ aca ri bhith a’ dèiligeadh dha na ceistean agam, is an comhairle sònraichte a thug iad dhomh is a chuidich tro na deich seachdainean.

an ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention £16.99
  • Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd £0.00

Naidheachdan

A’ lorg Ainmean-àite ro Bracaist

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

BNAG Logo

Copyright © 2023 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}