• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Stòr-data
    • Liosta a-z
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Taic
    • Luchd-taic AÀA
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Leabhar Ùr mu dheidhinn Ainmean-Àite

An Cèitean 2, 2019, Jake King

Tha Ainmean-Àite na h-Alba fìor thoilichte innse gu bheilear a’ foillseachadh Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson, air a dheasachadh leis an Dr Jacob King.

B’ e an t-Urr. Teàrlach MacDhonnchaidh (1864–1927) fear de shàr sgoilearan Gàidhlig deireadh na naoidheamh linn deug agus toiseach na ficheadamh linn.

B’ ann bho Shrath Tatha ann an Siorramachd Pheairt a bha e, agus mar mhinistear bhiodh e a’ siubhal mu thimcheall na Gàidhealtachd a dh’àiteachan leithid Arainn, Earra-Ghàidheal, Loch Abar, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Narann, Cataibh, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach, Diùra agus Ìle, cho math ri Siorramachd Pheairt dham buineadh e fhèin. Airson còrr math is trichead bliadhna, bhiodh MacDhonnchaidh a’ cruinneachadh mion-fhiosrachadh mu ainmean-àite, dualchainnt agus beul-aithris bho mhuinntir nan àiteachan sin aig an robh Gàidhlig. Rinn e seo aig àm nuair a b’ i a’ Ghàidhlig prìomh chànan nan sgìrean, agus bhiodh mòran den fhiosrachadh a chruinnich e, gu h-àraid ainmean-àite, air a chall mura b’ e nan leabhraichean-nòtaichean a dh’fhàg e às a dhèidh.

Tha an leabhar seo a’ toirt còmhla airson a’ chiad uair stuth foillsichte agus neo-fhoillsichte MhicDhonnchaidh mu ainmean-àite. Tha prìomh earrainn an leabhair na dhà phàirt. Tha a’ chiad phàirt a’ gabhail a-steach nan artaigealan ainmean-àite aige a chaidh fhoillseachadh roimhe agus an fheadhainn nach deach fhoillseachadh chun a seo. Anns an dàrna pàirt, gheibhear tar-sgrìobhaidhean de na leabhraichean-nòtaichean aige mu ainmean-àite, agus iad gun fhoillseachadh roimhe. Tha barrachd air ochd mìle gu leth ainm-àite Gàidhlig annta, le beul-aithris a’ buntainn riutha agus nòtaichean cànanach a chlàr e. Tha ro-ràdh cuimseach anns an leabhar a chuireas an obair ann an co-theacsa, agus clàr-amais iomlan cuideachd.

Choisinn an Dr Jacob King PhD aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an ainmean-aibhne na h-Alba ann an 2008, agus san aon bhliadhna thòisich e ag obair airson Ainmean-Àite na h-Alba, a’ bhuidheann a tha an urra ri bhith a’ toirt seachad chruthan Gàidhlig ùghdarrasail airson an cleachdadh san t-saoghal phoblach. Tha e na ùghdar air iomadh artaigil mu ainmean-àite, cho math ri colbh ann an duilleag Ghàidhlig an Albannaich. Tha e cuideachd na cho-ùghdar air an t-sreath ‘A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre’ le Dualchas Nàdair na h-Alba.

‘An sgoilear Gàidhlig a bu chudromaiche nach cuala sibh a-riamh ‘ainm! Bha an Robasdanach domhainn an sàs ann an obair-rannsachaidh na Gàidhlig, eadar briathrachas, dual-chainntean, agus ainmean-àite. Tha Jake King air saothair air leth a ghabhail os làimh ann a bhith ag ullachadh nan ciadan de dh’ainmean-àite a chruinnich am ministear bho air feadh na Gàidhealtachd. Tha sinn fada na chomain airson an leabhair thomadaich a tha seo, dìleab a mhaireas.’

Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Stiùiriche Cùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd, Sabhal Mòr Ostaig

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

Database


Co-fhreagair abairt Co-fhreagair facal




MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention £16.99
  • Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd £0.00

Naidheachdan

AINMEAN-ÀITE NA H-ALBA A’ CUR FÀILTE AIR CATHRAICHE ÙR

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Stòr-data
    • Liosta a-z
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Taic
    • Luchd-taic AÀA
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

BNAG Logo

Copyright © 2022 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}