Na h-eileamaidean breun, lobh agus òlach
Cuiridh cuid de dh’ainmean-àite air shùilean (no air sròintean?) dhuinn fàileadh àraidh. Tha na h-eileamaidean breun, lobh agus òlach ag ainmeachadh droch fhàilidhean. Coimheadaidh sinn air eisimpleirean dhiubh sa bhloga seo.
Nochdaidh an eileamaid breun ‘stinking, putrid’ ann an ainmean-àite cladaich. ’S e Breun Òban ann am Beinn na Faoghla (NF816476) aon eisimpleir de na h-ainmean sin: “this name signifies Stinking Bay and is applied to a small bay nearly land locked into which the tide flows but cannot altogether ebb owing to the narrowness of the entrance” (OS1/18/10/75 | ScotlandsPlaces). Air sgàth cruth a’ bhàigh seo, thig uisge agus feamainn a-steach aig muir-làn, ach chan fhalbh e aig muir-tràigh. Fuirichidh am feamainn air a’ chladach far am bi e a’ grodadh agus ag adhbharachadh droch fhàileadh.

Chithear an aon eileamaid ann an àitichean air a bheil an t-ainm Breun-Phort no Brainphort. Tha na h-ainmean seo a’ ciallachadh ‘smelly port’ is iad cuideachd air àitichean far am bi fàileadh làidir a’ tighinn bhon chladach. Tha, mar eisimpleir, dà dhiubh san Eilean Sgitheanach (NG669241, ann an Ainmean-Àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach agus NG496680, air mapaichean OS). Agus tha an dearbh droch fhàileadh air a’ Bhreun Chamas sa Ghearasdan (NN105756).
Tha facal eile ann airson àitichean cladaich le droch fhàileadh: an gnìomhair lobh ‘rot, stink’, uaireannan air a chleachdadh na ainmear gnìomhaireach lobhadh ‘rotting, stinking’. Chithear an eileamaid seo, mar eisimpleir, ann am Port Lobh ann an Colbhasa (NR350928) agus ann am Port an Lobhaidh ann an Ìle (NR281580). Tha na h-àitichean seo coltach ris an fheadhainn air a bheil an eileamaid breun: bidh feumainn air fhàgail air a’ chladach às dèidh don mhuir a thràghadh agus thig fàileadh làidir às fhad ’s a bhios e a’ grodadh.

Ach chan eil a h-uile droch fhàileadh ann an ainmean-àite ceangailte ris a’ chladach. Gheibhear fàilidhean làidir air tìr cuideachd. Tha àite san Eilean Sgitheanach air a bheil an t-Òlach (NG514366). Tha òlach a’ ciallachadh “rank grass growing near steadings where manure abounds” (Dwelly ann am Faclair Beag) – abair facal mionaideach. Agus abair fàileadh!
Footer
Ainmean-Àite na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot
Ceanglaichean Feumail
Prìomh chlàr
Lorg
Lean sinn
Functional cookies Always active
Statistics (anonymous)
Statistics (anonymous)
Marketing