• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Ath-mhìneachadh ann an ainmean-àite

Am Màrt 25, 2025, Rebecca Madlener

Tha pailteas sgeulachdan air cùlaibh ainmean-àite, mar eisimpleir mu thùs agus brìgh nan ainmean. Ach chan eil a h-uile sgeulachd a’ dol air ais chun na ciad brìghe. Uaireannan, chan eil cuimhne aig muinntir an àite dè as ciall do dh’ainm bho thùs agus nì iad ciall as ùr dheth tro mhìneachaidhean ùra no ath-mhìneachaidhean. Sa bhloga seo, bheir sinn sùil air eisimpleirean às an Eilean Sgitheanach far an deach ainmean Lochlannais ath-mhìneachadh sa Ghàidhlig.

’S e Aisig (NG692238) a’ chiad eisimpleir againn. A rèir sgeulachdan ionadail, tha an t-ainm seo a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig aiseag ‘ferry’ oir b’ àbhaist do Mhaol Rubha a’ tighinn air tìr san àite seo nuair a shiubhail e eadar a’ Chomraich agus an t-Eilean Sgitheanach. Tha sin a’ dèanamh ciall is cruth-tìre an àite freagarrach airson bhàtaichean. Tha an ceangal seo cho làidir ’s gun nochd Maol Rubha uaireannan san ainm: mar eisimpleir, ann an Askemorruy ~ Aiseag Maol Ruibhe ann am mapa Blaeu (1654).

Askemorruy ~ Aiseag Maol Ruibhe air mapa Blaeu (1654). Le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Ach a dh’aindeoin sin, tha a thuar gur e ainm Lochlannais a th’ ann bho thùs. Cha nochd an t-ainm leis an allt idir, ged a bhitheamaid an dùil ri sin airson ainm Gàidhlig, agus nochdaidh e daonnan le fuaimreag caol aig an deireadh: Aisig. Mar sin, is coltach gur e æsk-vík ‘camas le uinnseann’ a th’ ann bho thùs is an t-àite air ainmeachadh às dèidh craobh uinnsinn.

Tha dà eisimpleir de dh’ainmean ann an Tròndairnis a tha ceangailte ri sgeulachdan mu bhith a’ pàigheadh màl: Màileagar (NG482649) agus Geàrros (NG499631). Thathar ag ràdh gun deach am màl a phàigheadh ann an clò ann an Geàrros agus gun deach tomhas àraidh a ghearradh às airson gach teaghlach. Ann am Màileagar, bhathar a’ pàigheadh am màil ann an geir ‘tallow, grease’ agus, mar sin, ’s e màl-geire ‘tallow-rent’ ainm an àite. Gidheadh, tha e coltach gur e ainmean Lochlannais a th’ anns an dà ainm sin bho thùs, ged nach eil tuigse shoilleir againn air a’ bhrìgh.

Tha na h-eisimpleirean gu h-àrd a’ sealltainn dhuinn cho soirbheachail ’s a dh’fhaodadh ath-mhìneachaidhean a bhith. ’S cuimhne le daoine brìgh ath-mhìnichte nan ainmean fhathast, ged nach cuimhne leinn a’ bhrìgh thùsail aca nas motha. Ach cha robh a h-uile h-ath-mhìneachadh cho soirbheachail sin idir. Tha fianais ann an leabhraichean ainmean na Suirbhidh Òrdanais gun do chruinnich iad ainm Gàidhlig airson a’ bhaile air a bheil Fiskavaig (NG333343) an-diugh (agus bho thùs): Fasgadh-beag (OS1/16/2/5 | ScotlandsPlaces). Chruinnich iad an aon chruth airson àitichean eile a tha ceangailte ris a’ bhaile: Camas an Fhasgaidh Bhig airson Fiskavaig Bay (OS1/16/2/6 | ScotlandsPlaces) agus Allt an Fhasgaidh Bhig airson Fiskavaig Burn(OS1/16/2/21 | ScotlandsPlaces). Ach cha do chòrd an t-ath-mhìneachadh seo ri neach-deasachaidh na Suirbhidh Òrdanais idir: “A very bad case of finding a forced Celtic meaning & words for a name which is not Celtic. ‘Fasgadh beag’ or Little shelter is entirely different from both the ordinary spelling and ordinary pronunciation of this name. The name is Anglicised Fiskr, a fish: vagr, a bay = ‘Fish Bay’, Norse.” (OS1/16/2/5 | ScotlandsPlaces). Mar sin, ’s e Fiskavaig, an t-ainm tùsail Lochlannais, a nochdas air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais.

Fiskavaig agus Fiskavaig Bay air ciad deasachadh mapa na Suirbhidh Òrdanais (1881). Le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tùsan
King, Jacob, agus Eilidh Scammell. 2015. Gaelic in the Landscape. Place-Names of Strath, Isle of Skye = A’ Ghàidhlig Air Aghaidh Na Tire. Ainmean-Àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach. Perth: Scottish Natural Heritage = Dualchas Nàdair na h-Alba.
MacLeod, D.J. ‘Scia’. 2023. ‘Trotternish Place-Names’. Ann an Guthan Na Tìre: Ainmean-Àite Thròndairnis, 1–50.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Arainn Arainn £4.00
  • Tìr Chaluim Chille Tìr Chaluim Chille £8.50

Naidheachdan

Ainmean-àite Gàidhlig ann an Canada

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}