Chaidh Àrd-Ollamh na Gàidhlig bho Oilthigh Dhùn Èideann ainmeachadh mar Chathraiche ùr Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), am buidheann nàiseanta airson ainmean-àite na h-Alba aontachadh.
Tha an t-Oll. Wilson MacLeòid, Rannsaiche Poileasaidh Cànain agus Litreachas na Gàidhlig, a’ tighinn dhan dreuchd às dèidh Ruaraidh Mhic an t-Saoir, cànanaiche is seinneadair Gàidhlig à Uibhist a Deas, a bha na chathraiche air AÀA fad dà bhliadhna.

Bidh AÀA a’ toirt stiùireadh dha iomadh buidheann airson stuthan a leithid soidhnichean rathaid dà-chànanach agus Gàidhlig, soidhnichean malairteach, mapaichean, taisbeanaidhean agus rannsachadh. Bidh AÀA a’ faighinn a phrìomh mhaoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig.
À Boston sna Stàitean Aonaichte, tha còrr is fichead bliadhna de eòlas aig Wilson ag obair aig àrd-ìre foghlaim. Tha e air còig leabhraichean deug a sgrìobhadh is a dheasachadh, a’ mhòr-chuid dhiubh mu chànan is chultar na Gàidhlig, a leithid Gaelic in Modern Scotland: Policies, Movements, Ideologies (2020).
Tha an t-eòlas a tha aig Wilson air poileasaidh is reachdas cànain agus air foghlam oilthighe, agus an spèis a th’ aige airson na Gàidhlig, ga dhèanamh na shàr-thagraiche airson dreuchd a’ Chathraiche.
A’ gabhail na dreuchd, thuirt Wilson, “Tha mi air bhioran gus cur ris an obair chudromach aig AÀA le bhith toirt seachad taic airson riochdachadh na Gàidhlig ann an cruth-tìre chànanach Alba.”
Thuirt Jo NicDhòmhnaill bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Leas-Chathraiche AÀA, “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur luach mòr air an eòlas ionmholta a th’ aig Ainmean-Àite na h-Alba agus air an rannsachadh mhionaideach a bhios iad a’ dèanamh air tùsan eachdraidheil. Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air an Ollamh Wilson MacLeòid gu dreuchd a’ Chathraiche. Mar sgoilear cliùiteach de chànan is chultar na Gàidhlig, tha an t-Ollamh MacLeòid a’ toirt beairteas eòlais agus buannachdan lìonmhor chun na buidhne. Bu toil leinn cuideachd taing a thoirt do Ruaraidh Mac an t-Saoir airson na thug e fhèin seachad a thaobh eòlas is ùine thar nam bliadhnaichean. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air an dàimh-obrach thorrach a th’ againn le AÀA agus na com-pàirtichean aca.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, “Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun deach an t-Ollamh Wilson MacLeòid ainmeachadh mar Chathraiche ùr Ainmean-Àite na h-Alba. Bidh AÀA a’ dèanamh obair chudromach ann a bhith ag ath-lorg agus a’ gleidheadh ar Dualchais agus a’ leasachadh cleachdadh na Gàidhlig tron chomhairle a bheir iad do raon farsaing de bhuidhnean. Tha mi cinnteach gum bi an t-Ollamh MacLeòid air leth soirbheachail na dhreuchd ùr agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn na buaidh a bhios aige air a’ bhuidheann.”
Footer
Ainmean-Àite na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot
Ceanglaichean Feumail
Prìomh chlàr
Lorg
Lean sinn
Functional cookies Always active
Statistics (anonymous)
Statistics (anonymous)
Marketing