• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Làrach-lìn Ainm-àite Ùr

An t-Sultain 22, 2017, Eilidh Scammell

An robhar a-riamh tro chèile mu mhìneachadh ainm-àite air soidhne dà-chànanach, air neo tùs an ainm? Nan robh, tha am freagairt ri làimh. Chaidh an làrach-lìn ùr aig Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), an compàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig an Alba, a chur air bhog an-diugh (22 Sultain 2017).

A’ leantainn taic-airgid de £7,100 bho Riaghaltas na h-Alba, tha an làrach-lìn ùr a’ gabhail a-steach an stòr-data cliùiteach aig AÀA, a tha ri fhaotainn an-asgaidh. Bidh an stòr-dàta a’ tabhann riochdan deimhinnte a dh’fhaodas ùghdarrasan ionadail, na meadhanan, luchd-rannsachaidh, coimhearsnachdan ionadail, luchd-coiseachd is luchd-streip no duine sam bith le ùidh ann an ainmean-àite Gàidhlig, a chleachdadh.  Tha fiosrachadh eachdraidheil, tùsan ionadail agus faidhlichean-fuaim gus cuideachadh le fuaimneachadh cuideachd rim faotainn san stòr-dàta.

Thuirt Roy Pedersen, Cathraiche AÀA: “Rinn an dithis luchd-obrach aig AÀA, Eilidh Sgaimeal is Jake King, agus Vanessa Lopez is Chris Mitchell bho Lumberjack Digital an t-uabhas obair ann a bhith cruthachadh an goireas air-loidhne fa-leth seo. Tha mi gu mòr gam moladh airson ga chur ri chèile ann an dòigh èifeachdach. Taing mhòr gu Riaghaltas na h-Alba a thug seachad taic-airgid airson a’ phròiseict nuair a bha sinn a’ strì gus an ionmhas a bha a dhìth a lorg. Tha an uidhir le ùidh ann an ainmean-àite agus a’ Ghàidhlig a sìor fhàs, gu sònraichte luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail a fhuair spionnadh bhon phrògram ‘Outlander’. Tha mi cinnt às gum faigh iad tòrr às an làraich-lìn ùr, ach tha mi ’n dòchas gum bi e a’ tarraing luchd-cleachdaidh nas farsaing dhan taobh inntinneach seo de chultar is dhualchas Alba.

A’ cur fàilte air cur air bhog an làrach-lìn ùr thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney: “Tha sinn glè thoilichte gun robh an cothrom againn taic a thoirt dhan làrach-lìn ùr seo, a bhios na ghoireas feumail airson mòran dhaoine mar phrìomh thùs airson ainmean-àite Gàidhlig.

“Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil Gàidhlig na phàirt chudromach de dhualchas, de dhearbh-aithne nàiseanta agus de bheatha chultarail na h-Alba san latha an-diugh, agus tha sinn a’ cur fàilte air iomairtean den leithid a chumas taic ri suidheachadh na Gàidhlig ann am beatha làitheil, a’ cuideachadh gus a cumail seasmhach san àm ri teachd.”

Gheibh luchd-cleachdaidh greim air faidhlean PDF luachmhor de dh’ainmean-àite, goireasan rannsachaidh, agus mapa didseatach a’ cleachdach a’ bhathar-bhog fosgailte aig an Suirbhidh Òrdanais.

Thuirt Oifigear Gàidhlig, streapadair is neach-cleachdaidh AÀA, Janni Diez, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach: “’S e goireas air leth a th’ anns an làrach-lìn ùr, agus tha e a-nis fiù ’s nas fhasa tuilleadh fhaighinn a-mach mu ainmean-àite. Is fìor thoil leam mar a tha mapa ann a ghabhas sgrùdadh airson ainmean, agus mar a gheibhear comharra-clèithe le bhith a’ bruthadh air.”

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention £16.99
  • Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd £0.00

Naidheachdan

A’ lorg Ainmean-àite ro Bracaist

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

BNAG Logo

Copyright © 2023 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}