Fad bhliadhnaichean tha deasbad air a bhith dol gus soidhnichean dà-chànanach a thogail airson stèiseanan fo-rèile Ghlaschu, ach cha deagh planaichean sam bith a stèidheachadh fhathast. Tha an iomairt ùr aig Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhonn le Ainmean-Àite na h-Alba agus LearnGaelic, ge-tà, a’ gabhail a-steach mapa den loidhne fo-rèile leis na h-ainmean Gàidhlig. Faodar cuid de na cruthan a thoirt seachad mar eadar-theangachadh de dh’ainmean soilleir Beurla a rèir a’ phoileasaidh againn, leithid Bridge Street ~ Sràid na Drochaid. Ach bha feadhainn dhiubh tuilleadh is toinnte a mhìneachadh, cuid air sgàth ’s nach robh eileamaidean nan ainmean soilleir, mar sin bha e doirbh co-dhùnadh a dhèanamh. Tha sgeul inntinneach aig na h-ainmean a leanas:
Chan eil tùs an ainm Cowcaddens soilleir. Ged a thathar gu tric a’ cluinntinn gur ann bhon Ghàidhlig, *Coille Challtainn, a tha e chan eil e idir follaiseach. Ma dh’fhaodte gur e eileamaid Bhriothannach a th’ anns a’ chiad lide Cow-, mar a chithear san lide mu dheireadh ann an Linlithgow is Glasgow a’ ciallachadh ‘lag’, le sin ma dh’fhaodte gur e ainm Briothannach a th’ ann airson ‘lag calltainn’. Tha am freumh seo car teagmhach ge-tà nuair a chìthear Cowcaddens air a litreachadh mar Camcathethyn san 12 linn.
’S e ainm le tùs Gàidhlig a th’ ann an Cessnock ~ An Seasganach, ‘àite nan cuilcean’ bhon fhacal seasgan. Tha iomadh eisimpleir ann an Alba leithid Shiskine ~ An Seasgann ann an Arainn. Ann an Srath Thèadhaich tha Blaircessnock ~ Am Blàr Seasganach, ma dh’fhaodte leis a’ chiall ‘blàr bog’ is seasganach na bhuadhar an seo. Tha Cessnock ri lorg ann an Siorrachd Àir agus Fìobha cuideachd ach thàinig an t-ainm ann am Fìobha à àiteigin eile. Thàinig an Cessnock ann an Glaschu bho oighreachd leis an aon ainm, agus chan eil sgeul air an àite seo ro na ciad mhapaichean OS bhon 19 linn, mar sin ma dh’fhaodte gun tàinig an t-ainm à àiteigin eile cuideachd.
’S e ainm Breatannais a th’ anns an fhrith-bhaile ainmeil Partick (perteyk in 1136). ’S mathaid gu bheil e a’ ciallachadh ‘doire bheag’, a’ tighinn bhon aon tùs ri Peairt a thàinig bhon Bhreatannais pert ‘doire’, le iar-leasachan meanbhach. Bho linn nan con chaill a’ Ghàidhlig am fuaim [p], mar sin nuair a nochdas e sa chànan, ’s e facal-iasaid bho chànan eile a th’ ann mar as trice.
Ged as e Partaig a’ Ghàidhlig air Partick an-diugh, mar a chithear air an t-soidhne dhà-chànanach aig an stèisean rèile agus air a chleachdadh gu ionadail, ’s e cruth reusanta ùr a th’ ann bhon ainm Bheurla. San 19 linn, thug Gàidheil Ghlaschu Pearthaig no Pearraig air. Gu dearbh bha an cruth seo cho ainmeil ‘s gu bheil e ri lorg san t‑seanfhacal “cho lùthmhor ri Muileann Phearraig” air a ràdh ri leanabh an-fhoiseil.
Mar Partaig, ’s mathaid gur e ainm Breatannais no Cuimrig a th’ ann an Govan, ma dh’fhaodte bho *gwo-van a’ ciallachadh ruideigin leithid ‘mullach ìosal’. Dh’fhaodadh gun do ghluais an t-ainm tron Ghàidhlig mus deach e gu Albais. San latha an-diugh ge-tà chaidh an t-ainm ath-bhreithneachadh mar ‘gobhainn’. Leis nach eil seo a’ dèanamh mòran cèill leis fhèin chaidh ‘baile’ a chur ris gus Baile a’ Ghobhainn a dhèanamh, ainm-àite a tha gu math cumanta sa Ghàidhealtachd.
Tha Kinning Park sgrìobhte mar kinnenhouse air mapa bho 1747-55. Ged a tha coltas Gàidhlig air an ainm seo, ’s mathaid gur ann bhon fhacal Albais coney, ‘coineanach’ a thàinig e bho thùs.
Tha e cha mhòr deimhinne gur e ainm Breatannais no Cuimrig a th’ ann an Kelvin bho thùs, ged a tha freumh an fhacail doilleir. Tha cuid a tha air sgrìobhadh mu bhun an ainm a’ moladh gu bheil an –in a’ ciallachadh abhainn ach chan eil seo a’ leanntainn nan seann chruthan, an fhuaimneachaidh an-diugh, no a’ cho-chàraidh air a bheilear an dùil. Tha cuid de na seann chruthan ga litreachadh –ing aig an deireadh (Kelvinghauch, water of Kelving in 1591-2) a dh’fhaodadh tighinn bhon iar-leasachan a tha a’ riochdachadh -inn sa Ghàidhlig.
Thèid a ràdh gu tric gur ann bho *Àth-bruic a thàinig an t-ainm Ibrox. Chan eil freumh an ainm idir soilleir ge-tà. Chan urrainnear fiù ’s a bhith cinnteach mun chànan thùsail, ged a thathar an dùil gu bheil e Ceilteach.
Footer
Ainmean-Àite na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot
Ceanglaichean Feumail
Prìomh chlàr
Lorg
Lean sinn
Functional cookies Always active
Statistics (anonymous)
Statistics (anonymous)
Marketing