• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Stòr-data
    • Liosta a-z
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Taic
    • Luchd-taic AÀA
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Ainmean Àlainn Annasach

An Cèitean 17, 2021, Eilidh Scammell

Is mise Michaela Strick agus tha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig airson bliadhna gu leth a-nis agus thàinig mi dhan Eilean Sgitheanach san t-Sultain an-uiridh airson an Cùrsa Comais a dhèanamh. Tha mi a’ dèanamh an Greis Gnìomhachais agam aig Ainmean-Àite na h-Alba oir is toigh leam rannsachadh (tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e coltach ri a bhith nad lorg-phoileas).

Bha mi air bhioran nuair a chaidh innse dhomh gum b’ urrainn dhomh am pròiseact beag agam fhìn a dhèanamh a tha a’ cruinneachadh timcheall air trithead ainm-àite taobh a-staigh Pàirc Nàiseanta A’ Mhonaidh Ruaidh agus a’ faighinn a-mach mu chruth Gàidhlig nan ainmean. Chaidh sealltainn dhomh mar a chleachdas mi na mapaichean eadar-ghnìomhach air làrach-lìn AÀA. Bha na mapaichean sin gu math cuideachail ann a bhith a’ lorg àiteachan. Às dèidh dhomh liosta a chuir ri chèile, thòisich mi le bhith gan coimhead suas ann an grunn leabhraichean leithid ‘Scottish Gaelic Place-Names’, ‘The Place-Names of Aberdeenshire’, ‘Celtic Place-Names of Scotland’, ‘The Place Names of upper Deeside’ , ‘Scottish Place-Names’ agus ‘Place-Names, Highlands and Islands of Scotland’. Bha seo gu math inntinneach oir ann an cuid de chùisean bha sgrìobhadairean a’ dol an aghaidh a chèile nuair a thàinig e gu cruth Gàidhlig an ainm oir bha iad den bheachd gu robh an t-ainm-àite a’ tighinn bho dhiofar fhaclan. Dh’fheuch mi cuideachd ris na h-ainmean a lorg anns na OS Name Books agus air seann mhapaichean ach mar as trice cha robh mòran fiosrachaidh ùir ann oir b’ e sin na h-àiteachan a bha ùghdaran nan leabhraichean gu h-àrd a’ coimhead cuideachd. Bha na seann mhapaichean caran doirbh a chleachdadh, gu sònraichte mapa Pont. Chan e fìor mhapa a th’ ann ach grunn dhuilleagan air an do tharraing e mar eisimpleir abhainn agus na bailtean air an abhainn, no beinn. Bha e doirbh dhomh na dealbhan aige a dhèanamh a rèir fìor mhapa.

Rinn mi beagan ath-sgrìobhadh de liostaichean làmh-sgrìobhte le ainmean-àite cuideachd. Chaidh sin a dhèanamh gu sgiobalta agus cha robh ach cuid dhiubh duilich a leughadh. Taing do Covid, fhuair mi cothrom pàirt a ghabhail ann an co-labhairt air-loidhne le Comann Ainmean-Àite na h-Alba mu “Ainmean Tuathanas agus mar a thàinig an cruth-tìre Gàidhlig ann am paraiste Cille Chuimein, Na Rannaibh, Gall-Ghàidhealaibh”. Bha òraidean eile ann mu “Ainmean-àite bho Cnòideart gu Muideart, molaidhean triantanachaidh: microtoponyms, fìor bheatha agus sgeulachdan àrda” anns A’ Chomraich, “Leabhraichean Ainm an t-Suirbhidh Òrdanais” agus taisbeanadh ioma-mheadhain “Gu far am faodadh e dragh a ghabhail” mu Armadal anns an Eilean Sgitheanach, Armadale ann an Lodainn an Iar agus Armidale ann an Astràilia. Bha seo uabhasach inntinneach.

B’ e an ath phròiseact beag agam liosta de dh’ainmean-àite bhon dàn Na Lochlannaich an Ìle le Uilleam Mac Dhunleibhe a chur air-dòigh agus sgrìobhadh na h-ainmean anns a’ Bheurla mas urrainn dhomh an lorg. Tha an dàn gu math duilich a leughadh agus tha an litreachadh neònach. Aig amannan chaidh an dearbh fhacal sgrìobhadh ann an diofar dhòighean.

Bha cola-deug gu math inntinneach agam. Cha robh mi an dùil gum biodh an cuspair cho inntinneach. Chòrd an ùine ruim gu mòr agus tha mi a ’toirt taing do Eilidh agus Jake airson cead a thoirt dhomh sealladh fhaighinn air na bhios iad a’ dèanamh.

Am post mu dheireadh/roimhe

Primary Sidebar

Database


Co-fhreagair abairt Co-fhreagair facal




MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd £0.00
  • A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd £0.00

Naidheachdan

Ainmean Àlainn Annasach

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Stòr-data
    • Liosta a-z
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Taic
    • Luchd-taic AÀA
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

BNAG Logo

Copyright © 2022 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}