• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

AINMEAN-ÀITE NA H-ALBA A’ CUR FÀILTE AIR CATHRAICHE ÙR

An t-Iuchar 5, 2022, Eilidh Scammell

Chaidh cànanaiche Gàidhlig à Uibhist a Deas ainmeachadh mar Cathraiche ùr Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), am buidheann nàiseanta airson ainmean-àite na h-Alba aontachadh.

Tha Ruaraidh Mac an t-Saoir, a tha na fhacladair, eadar-theangair is seinneadar Ghàidhlig, a’ gabhail an dreuchd às dèidh Roy Pedersen, ùghdar den chiad mhapa Ghàidhlig de dh’Alba, a bha na chathraiche airson AÀA airson ochd bliadhna gu leth.

Bidh AÀA a’ toirt stiùireadh dha iomadh buidheann airson stuthan a leithid: soidhnichean rathaid dà-chànanach agus Gàidhlig, soidhnichean malairteach, mapaichean, taisbeanaidhean agus rannsachadh, agus a’ faighinn a phrìomh mhaoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha ùidh mhòr air a bhith aig Ruaraidh ann an cànan is cultar nan Gàidheal fad a bheatha agus rinn e Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, far an do thog e ùidh ann an ainmean-àite, a’ rannsachadh ainmean-àite Bheinn a’ Bhaoghla airson an trachdais aige. Às dèidh ceumnachadh ann an 2014 fhuair e obair ann am poileasaidh Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba, agus ’s ann tron obair seo a thàinig e gu bhith na riochdaire airson an Riaghaltais air comataidh AÀA, far an tug e seachad taic a bha buileach feumail. Dh’fhàg Ruaraidh Riaghaltas na h-Alba ann an 2020 gus trèanadh mar fhacladair airson Faclair na Gàidhlig, agus thug AÀA cuireadh dha fuireach mar Leas-Chathraiche neo-eisimeileach na buidhne.

Tha an t-eòlas a tha Ruaraidh air togail mar phàirt den chomataidh aig AÀA fad seachd bliadhna gu leth, agus an dìorras is an t-eòlas aige mun chànan agus cànanachas, ga dhèanamh na shàr-thagraiche airson Cathraiche.

A’ gabhail na dreuchd, thuirt Ruaraidh: “’S e fìor urram a th’ ann gun deach m’ ainmeachadh mar Chathraiche air AÀA. Leis a’ Ghàidhlig a’ sìor fhàs nas fhollaisiche ann an Alba tro phlanaichean Gàidhlig agus mothachadh mun chultar, tha e cho cudromach ’s a bha e riamh gu bheil rannsachadh ceart agus cunbhalachd ann an ainmean-àite Gàidhlig air an cur air adhart do bhuidhnean agus don phoball. Tha mi airson taing a thoirt do Roy Pedersen a bha na Chathraiche romham airson a thaic agus stiùireadh a bha air leth luachmhor do AÀA sna h-ochd bliadhna a dh’fhalbh, agus tha mi ’n dòchas gun lean mi eisimpleir airson an dreuchd riatanach a th’ aig AÀA airson Gàidhlig ann an Alba san latha an-diugh a chumail a’ dol.”

Thuirt Jo NicDhòmhnaill bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Leas-Chathraiche AÀA: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur luach mòr air an eòlas ionmholta a th’ aig Ainmean-Àite na h-Alba agus air an rannsachadh mhionaideach a bhios iad a’ dèanamh air tùsan eachdraidheil. Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air Ruaraidh Mac an t-Saoir gu dreuchd a’ Chathraiche. Mar neach aig an robh a’ Ghàidhlig on ghlùin, agus a th’ air a bhith ri obair sgoilearach sa chànan, tha Ruaraidh a’ toirt eòlas cudromach is iomadh buannachd chun na buidhne. Bu toil leinn cuideachd taing a thoirt do Roy Pedersen airson na thug e fhèin seachad a thaobh eòlas is ùine thar nam bliadhnaichean. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air an dàimh-obrach mhath is thorrach a tha againn le AÀA agus na com-pàirtichean aca.” Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd seo gun deach Ruaraidh Mac an t-Saoir ainmeachadh mar Chathraiche Ainmean-Àite na h-Alba. Tha AÀA a’ dèanamh obair chudromach ann a bhith a’ leasachadh cleachdadh na Gàidhlig agus a’ toirt seachad deagh chomhairle do dh’iomadach buidheann. Chan e sin a-mhàin ach gu bheil iad a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do Ruaraidh na dhreuchd ùr.”  

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention £16.99
  • Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd £0.00

Naidheachdan

A’ lorg Ainmean-àite ro Bracaist

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

BNAG Logo

Copyright © 2023 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}