• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Stòr-data
    • Mapa So-Sgrùdaidh
    • Liosta a-z
  • Mapa OS
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Taic
    • Luchd-taic AÀA
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Ainmean-àite Leathallt, an t-Eilean Sgitheanach

Am Màrt 9, 2020, Eilidh Scammell

Le Hannah NicDhiarmaid

Bidh rannsachadh ainmean-àite a’ toirt seallaidh bheartach dhuinn air iomadh nì a bharrachd air cò ris a tha àite coltach; bidh e a’ sealltainn ciamar a bha an àite air a chleachdadh, cò na daoine a bha a’ fuireach ann, dè seòrsaichean de bheathaichean agus lusan a bha sònraichte dhan àite, am measg iomadh rud eile. Aig deireadh an t-samhraidh sa chaidh, bha mi fìor thoilichte an cothrom fhaighinn obair-raoin a dhèanamh airson Ainmean-Àite na h-Alba; thaghadh mi sgrùdadh a dhèanamh air àiteachan air a bheil mi glè mheasail agus anns a bheil dàimhean dlùithe agam — Leathallt agus Grèalainn air taobh tuath an Eilein Sgitheanaich. ’S ann às na h-àiteachan seo a bha teaghlach air taobh mo sheanmhair, agus ’s ann a tha na h-àiteachan cuideachd làn eachdraidh is fiosrachaidh.

Gu fortanach airson an rannsachadh seo — ged a tha fada a bharrachd de dh’ainmean-àite cuingealaichte anns an sgìre seo na tha ainmean-àite farsaing — tha daoine fhathast ann air a bheil eòlas gu leòr mun deidhinn. Bha na daoine seo uile air an dòigh cothrom fhaighinn gus am fiosrachadh aca a sgaoileadh, oir, mar a thuirt fear dhuibh rium: “Nuair a dh’fhalbhas sinne, falbhaidh na h-ainmean seo rinne.” Chòrd e rium gu mòr a dh’ionnsachadh gun robh fiosrachadh eadar-dhealaichte aig gach duine — mar eisimpleir, bha fear dhiubh na bu eòlaiche air ainmean monaidhean agus ainmean cnuic, fhad ’s a bha fear eile dhiubh na bu eòlaiche air ainmean mun cuairt air a’ chladaich agus ainmean nan sgeirean. Leis a sin, bhuannaich mi tòrr fiosrachaidh agus sgeulachdan measgaichte bhuapa.

Às na chaidh a chruinneachadh, ’s e am beachd cumanta gun robh an sgìre seo air leth cunnartach uaireigin a bhuail mi – bha an aon sgeul seo aig a h-uile duine: bha an rathad gu tuath ann an Tròndairnis iomraiteach airson mèirlich, agus chruinneachadh na mèirlich seo ann an àite eadar Ruig agus Tobhta Uachdarach ris an canar Càrn nam Bodach. ’S e sreath de chreagan a th’ ann an seo; àite math airson falachadh ’on a tha e cho àrd. Rinneadh na mèirlich feall-fhalaichean air daoine a’ feuchainn a dhol seachad air, agus gu dearbh thachair iomadh muirt agus marbhadh mun cuairt an àite. Bha Càrn nam Bodach cho iomraiteach fiù ’s nuair a bha na fiosraichean òg, chuala iad guth air fhathast, agus bha cuimhne aig tè dhiubh air pàirt co-dhiù de sheann abairt, ‘a-nuas Càrn nam Bodach.’

Bha mòran de na h-ainmean anns an cruinneachadh seo tuairisgeulach; a’ sealltainn cruth na tìre tro shùilean mhuinntir na sgìre: Sròn nan Cnàimhseag, Lòn an Teanga, An Càrn Loisgte, mar eisimpleirean. Tha iad cuideachd a’ sealltainn am meud de dhaoine a bha a’ fuireach ann uaireigin, ged a tha e coltach gur e àiteachan beaga, fàs a th’ annta. Tha iad seo ann mar chuimhneachan dhan daoine seo, mar Tobhta an Sniper ann an Leathallt  airson fhear a bha a’ strì anns a’ Chogaidh Mhòr; Tobhta Nighean Fhionnlaigh ann an Tobhta Uachdarach, cailleach a tha fhathast aithnichte anns an sgìre ged a tha linntean ann bhon a bha i beò; Achadh na Banntraich air a’ mhonaidh, a tha na chuimhneachan dhith ach gun luaidh air a h-ainm fhèin. Tha an seòrsa ainm-àite seo pailt, agus na dheagh eisimpleir air cultar na Gàidhlig agus am faireachadh de chinnidheachd agus choimhearsnachd.

Tha e fortanach dhuinne agus dhan Ghàidhlig fhèin gu bheil cuimhne aig daoine air na h-ainmean-àite seo – airson a’ mheud a chaidh a chruinneachadh anns an rannsachadh seo, tha e doirbh a’ smaoineachadh air cia mheud eile ainmean-àite a tha a-nise air chall. Leis a sin, tha e fìor chudromach gun lean pròiseactan mar seo air adhart gus cultar agus eachdraidh nan àiteachan a dhìon.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

Database


Co-fhreagair abairt Co-fhreagair facal




MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The Journal of Scottish Name Studies: Volume 3 £0.00
  • The Journal of Scottish Name Studies: Volume 2 £0.00

Naidheachdan

Fo-rèile Ghàidhlig Ghlaschu

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Stòr-data
    • Mapa So-Sgrùdaidh
    • Liosta a-z
  • Mapa OS
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Taic
    • Luchd-taic AÀA
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2021 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital