Tuairisgeul
Ainmean-àite a rannsaich sinn roimhe, a’ sgrùdadh airson mhearachdan taidhpidh is eile – aon ainm-àite gach eàrlas.
Bidh AÀA a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig airson cuibhreann mòr de na cosgaisean làitheil, agus ged nach eil seo a’ ciallachadh gu bheil seirbheisean AÀA an-asgaidh, tha e a’ leigeil leinn na seirbheisean againn a thabhann aig cosgais fada nas ìsle.
Aon uair ’s gu bheil sibh air ceannach, gheibh sibh post-d dearbhaidh agus cuiridh neach-obrach AÀA fios thugaibh gus bruidhinn mun bharantas.
* Ma tha liosta fhada de dh’ainmean a dhìth oirbh, cuir fios thugainn airson prìs sònraichte. Tha sinn cuideachd a’ tabhann sheirbheisean eile leithid sgrìobhadh, trèanadh agus òraidean. Airson fiosrachadh air na cìsean againn, faicibh ar Clàr Chìsean.




Lèirmheasan
Chan eil lèirmheas sam bith ann fhathast.