• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

An eileamaid peighinn san Eilean Sgitheanach

An Giblean 8, 2025, Rebecca Madlener

Bheir am bloga seo sùil air ainmean leis an eileamaid peighinn san Eilean Sgitheanach.

’S e eileamaid cumanta a th’ ann. Mar sin dheth, bidh peighinnean gu tric air an sònrachadh gus am bi fios aig muinntir an àite dè an tè air a bheilear a’ bruidhinn. Nochdaidh peighinnean san Eilean Sgitheanach cuide ri eileamaidean sònrachaidh a dh’ainmicheas feartan-tìre nàdarra (m.e. Peighinn a’ Chorrain, NG526332; Peighinn an Easa, NG427467), daoine (m.e. Peighinn a’ Ghobhainn, NG401718; Peighinn nam Fìdhleir, NG487417), no cuide ri buadhair a dh’innseas dhuinn cò ris a tha a’ pheighinn coltach (m.e. A’ Pheighinn Mhòr, NG422487; A’ Ghlas-Pheighinn, NG462684).

Tha e coltach gu bheil fuaimneachadh àraidh ann an Gàidhlig an Eilein Sgitheanaich airson an fhacail peighinn. Chruithnich Charles Robertson (2019) foirm leis an fhuaimneachadh ‘beinn’ airson a h-uile h-ainm leis an eileamaid peighinn san Eilean Sgitheanach. Air an dàrna làimh, dh’fhaodadh sin a chiallachadh gur e an eileamaid beinn a chì sinn sna h-ainmean sin. Ach air an làimh eile, tha Robertson fhèin ag innse dhuinn gur e peighinnean a th’ ann an cuid de na h-ainmean sin (m.e. Peighinn a’ Chorrain: Beinn a chorran, Pei(gh)inn a’ chorrain; Peighinn nam Fìdhleir: Beinn a’ fidhleir Pei(gh)inn a fìdhleir). A thuilleadh air sin, tha an eileamaid peighinn a’ dèanamh barrachd ciall airson nan àitichean sin a thaobh cruth na tìre.

Mar sin dheth, tha a thuar gun robh an dà fhacal beinn is peighinn air am fuaimneachadh san aon dòigh le muinntir an Eilein Sgitheanaich nuair a chruinnich Robertson am fiosrachadh aige. Chì sinn foirmean a tòiseachadh le b- airson cuid de na h-ainmean leis an eileamaid peighinn ann an tùsan eachdraidheil cuideachd. Chì sibh, mar eisimpleir, foirmichean eadar-dhealaichte de Pheighinn a’ Chorrain agus de Pheighinn an Easa gu h-ìosal is foirmichean le b- nam measg.

Peinachorrain ~ Peighinn a’ Chorrain (NG526332)

Benicoran1776 Mackenzie
Peinnachorian1807 Arrowsmith
Piennachorian1820 Thomson
Peinchorran1. deas. mapa OS (1882)
Beinn-a-chorrainNapier Commission (1883)
Beinn a chorran, Pei(gh)inn a’ chorrainRobertson (2019, 194)
Benicoran ~ Peighinn a’ Chorrain air mapa Mackenzie (1776). Le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Peiness ~ Peighinn an Easa (NG427467)

Benesson1. deas. mapa OS (1881)
PeinessForbes (1923, 275)
Beinn an easaRobertson (2019, 198)
Peighinn an EasaTaylor “Place-names of Scotland”
Peiness / Benesson ~ Peighinn an Easa air dàrna deasachadh mapa OS (1904; làmh chlì) an taca ri ciad dheasachadh mapa OS (1881, làmh dheas). Le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Clàr-leabhraichean
Robertson, Charles M. 2019. Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson 1864-1927. Deas. le Jacob King. Slèite, an t-Eilean Sgitheanach: Clò Ainmean-Àite na h-Alba.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh £10.00
  • Arainn Arainn £4.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}