• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

An t-Ògmhios 30, 2025, Rebecca Madlener

Tha briathrachas na Gàidhlig airson fheartan-tìre agus fheartan-uisge pailt. Nochdaidh, mar eisimpleir, iomadh eileamaid ann an ainmean-àite Gàidhlig airson ‘bàgh’. Sa bhloga seo, bheir sinn sùil air dà dhiubh – geodha agus òb – agus dè as ciall dhaibh ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich.

Tòisichidh sinn leis an eileamaid geodha. A’ chiad rud a chì sinn air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais (SÒ), ’s e ’s gu bheil ainmean a h-uile geodha san Eilean Sgitheanach sgrìobhte ann an dubh, coltach ri ainmean fheartan-tìre, seach ann an gorm, mar a tha ainmean fheartan-uisge. ’S e bàgh caol is fada a th’ ann an geodha a tha air a chuairteachadh le creagan casa àrd os cionn ìre na mara. Is math dh’fhaodte gur e an ceangal eadar geodha agus na creagan ri thaobh a tha na adhbhar airson ’s gu bheil iad coltach ri feartan-tìre air mapaichean SÒ.

Thàinig am facal geodha bhon fhacal Lochlannais gjá bho thùs is a bhrìgh sa Ghàidhlig a’ buntainn ris a bhrìgh thùsail. ’S e ‘chasm, rift in fells or crags’ as ciall dha san t-Seann Lochlannais (Old Norse Dictionary – Gjá) is sinn a’ sealltainn dhuinn gun robh leòidean àrda, creagach air san Lochlannais cuideachd. Tha e air a chleachdadh na fhacal Gàidhlig a-nis is na h-ainmean-àite a chì sinn san Eilean Sgitheanach a leantainn structar Gàidhlig: leanaidh an eileamaid shònrachaidh air a’ ghnàth-eileamaid, mar eisimpleir, Geodha nan Daoine (NG247362) agus Geodha Mòr (NG202393).

Geodha nan Daoine (NG247362)

Geodha na Mòine (NG406766) air mapa SÒ (1970). Dealbh le cead bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha coltas gu tur eadar-dhealaichte air àitichean leis an eileamaid òb. Tha buaidh làidir air seòl na mara air òb san Eilean Sgitheanach is diofar mòr ann eadar a mheud aig muir-làn agus muir-ìosal. Tha cuid dhiubh fiù ’s a’ traoghadh gu tur: mar eisimpleir, Òb nam Portan (NG761260) agus Òb Snaoiseaig (NG698104).

Thàinig am facal òb às an t-Seann Lochlannais bho thùs cuideachd: hóp ‘small landlocked bay or inlet, connected with the sea so as to be salt at flood tide and fresh at ebb’ (Old Norse Dictionary – Hóp). Ged nach eil brìgh an fhacail Gàidhlig agus brìgh an fhacail Lochlannais co-ionnan tha ceangal eatarra is buaidh air seòl na mara air an dà dhiubh. Mar a chunnaic sinn le geodha, tha òb a-nis air a chleachdadh na fhacal Gàidhlig is e a’ nochdadh leis an alt Gàidhlig, mar eisimpleir, An t-Òb (NG750262).

An t-Òb (NG749262)

Òb Snaoiseaig (NG698104) air mapa SÒ (1974). Dealbh le cead bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

’S e facail Ghàidhlig a th’ ann an geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich, ged gun tàinig iad às an Lochlannais bho thùs. Dh’èirich brìgh agus cleachdadh ùr sa Ghàidhlig tro na linntean ach mhair ceangail ris a’ bhrìgh thùsail. Chan eil geodha agus òb cuingealaichte ri ainmean-àite a-mhàin is iad air an cleachdadh sa Ghàidhlig taobh a-muigh nan ainmean cuideachd.

Am post mu dheireadh/roimhe

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh £10.00
  • Arainn Arainn £4.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}