Tha sinn air feuchainn ri comas-luirg an stòir-dhàta a dhèanamh cho sùbailte ’s a ghabhas airson a bhith furasta a chleachdadh. Gu h-ìosal, tha stiùireadh goirid air mar a chleachdas tu an t-inneal-luirg. Ma bhios ceistean a bharrachd agad mu bhith a’ rannsachadh an stòir-dhàta, nach cuir thu fios thugainn.
Lorg Sìmplidh
Gus lorg sìmplidh a dhèanamh taidhp an t-ainm-àite a tha thu a’ lorg, Beurla no Gàidhlig, tagh ‘co-fhreagair abairt’ no ‘co-fhreagair facal’, agus briog air a’ phutan luirg. Ma tha thu a’ cleachdadh cruth Gàidhlig, dèan cinnteach gun tagh thu ‘Cruth Gàidhlig’ sa chiad clàr-taice teàrnach, oir ’s e an cruth Beurla an bun-roghainn.
Ainm-àite cumanta
Ma tha thu a’ lorg ainm-àite a tha cumanta air feadh Alba, leithid Cille Mhoire no An Tairbeart, agus gum bu mhath leat an rannsachadh a chuingealachadh ri sgìre shònraichte, ’s urrainn dhut an rannsachadh ainm-àite a chriathradh a rèir ùghdarras ionadail no siorrachd.