• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Mapa Blaeu (1654) agus na h-eileanan ann an Loch Dhùn Bheagain

An Cèitean 26, 2025, Rebecca Madlener

’S e tùs fìor chudromach a th’ ann am mapa Blaeu (1654) oir tha e air aon de na mapaichean as sine a th’ againn ann an Alba. Mar sin, ’s e am fianais as tràithe a th’ againn airson cuid de na h-ainmean-àite. Lean Blaeu air Pont a rinn na mapaichean mionaideach as tràithe a th’ againn ann an Alba (1580an is 1590an) far an robh mapaichean Pont rim faotainn. Ged gur e mapa air leth a th’ ann am mapa Blaeu airson an àm aig an deach a dhèanamh, tha ceist no dhà an lùib a bhith ga chleachdadh: Chan eil cruth na tìre daonnan ceart is beagan obrach a dhìth gus faighinn a-mach dè an t-àite air a bheil cuid de na h-ainmean a-mach. Bheir sinn sùil air pìos beag den mhapa sa bhloga seo.

Ann an oisean mapa Blaeu den Eilean Sgitheanach, tha liosta de seachd eileanan ann an Loch Faillord. ’S e Loch Faillord seann ainm an loch-mara ris an canar Loch Dhùn Bheagain (NG216519) san latha an-diugh. Mairidh seann ainm an locha ann an Kinlochfollart (NG251466) air mapaichean an latha an-diugh fhathast.

Seo ainmean nan eilean a tha san loch a rèir Blaeu: Yl. Cholbesk, Yl. Gravellan, Ylen Clash, Yl. Grinen, Yl. Heuf, Yl. Garra, Yl. Skiandel.

Dealbhan le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha barrachd air seachd eileanan san loch agus chan eil a h-uile h-ainm Blaeu a’ freagairt gu dìreach ri ainmean a chì sinn air mapaichean an latha an-diugh. Mar sin, ’s i a’ cheist cò na h-eileanan air an dèan Blaeu iomradh agus dè na h-ainmean a th’ aca san latha an-diugh?

Tha cuid de na h-ainmean fhathast coltach ris an fheadhainn a bh’ aig Blaeu, ach air an litreachadh ann an dòighean eadar-dhealaichte air mapaichean OS an latha an-diugh: Yl. Gravellan ~ Gairbh Eilein (NG238495), Yl. Grinen ~ Eilean Grianal (NG226496) agus Yl. Garra ~ Garay Island (NG227491). ’S dòcha gur e Eilean Glas (NG215497) a th’ ann an Ylen Clash. Gidheadh, tha muinntir an àite ag ràdh An t-Eilean Glas ri dà eilean bheag eile aig ceann an locha cuideachd (NG253473, NG248466). Mar sin, chan urrain dhuinn a bhith cinnteach dè am fear air an robh Blaeu a-mach.

Cuid de na h-eileanan bho liosta Blaeu air mapa OS (1904). Dealbh le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

A thuilleadh air sin, tha ainmean ùra air cuid de na h-eileanan: Eilean Dubh air Yl. Cholbesk (NG222491) agus Eilean Mòr air Yl. Skiandel (NG227487). Tha beachd againn air cò na h-eileanan a bha fa-near do Bhlaeu an seo, oir tha ainmean coltach ris an fheadhainn a chleachd esan ri fhaicinn air mapaichean Ùghdarras a’ Chabhlaich (1897): Du Colbost I. airson Yl. Cholbesk agus Du Skiniden I. airson Yl. Skiandel. Mar sin, tha e coltach gun robh na h-eileanan sin aig aon àm air an ainmeachadh às leth nam bailtean a tha faisg orra: Skinidin ~ Sgianaidean (NG223477) agus Colbost ~ Ceileabost (NG211491).

Du Colbost I. agus Du Skiniden I. air mapa Ùghdarras a’ Chabhlaich 1202 (1897). Dealbh le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha aon cheist air fhàgail fhathast: dè an t-eilean air a bheil Yl. Heuf air mapa Blaeu? Tha barrachd air aon eilean ann an Loch Dhùn Bheagain nach do dh’ainmich sinn fhathast agus chan eil ainm coltach ri Heuf a’ nochdadh ann am mapaichean eile. Mar sin, mairidh a’ cheist seo airson sgrùdadh nas mionaidiche san àm ri teachd.

Tùsan
PN1969.23. MacAskill, Alan. Agallamh le Iain Fraser. Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.
PN1969.25. MacDonald, Sam. Agallamh le Iain Fraser. Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh £10.00
  • Arainn Arainn £4.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}