• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Aon àite – iomadh ainm

An t-Ògmhios 9, 2025, Rebecca Madlener

Bidh ainmean-àite ag atharrachadh tro na linntean is ainmean ùra air an cruthachadh fhad ’s a thig feadhainn eile à bith. Mar sin, faodaidh ainmean eadar-dhealaichte a bhith air an cleachdadh airson an aon àite tro na linntean. Uaireannan, nochdaidh ainmean ùra nuair a bhios daoine ùra a’ tuineachadh san àite is ainmean eadar-dhealaichte air an cleachdadh ann an cànain eadar-dhealaichte.

Sa bhloga seo, bheir sinn sùil air dà eisimpleir de dh’atharrachaidhean de a leithid a tha gu math faisg air a’ chèile: na h-eilean beaga ann an Tròndairnis san Eilean Sgitheanach air a bheil Staffin Island (NG491692) agus Eilean Flodigarry (NG480717) air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais (SÒ) san latha an-diugh. Tha ainmean gu tùr eadar-dhealaichte aca air na mapaichean tràtha a th’ againn!

’S e Fladda a th’ aig Blaeu (1654) air Eilean Stafainn is an t-aon ainm a’ nochdadh air mapaichean na 18mh agus toiseach na 19mh linne cuideachd. Mar eisimpleir, ’s e Eilean Flada a th’ air an eilean air mapa Thomson (1820). ’S e Staffin Island a bheir ciad deasachadh mapa SÒ (1879) air. Cha chleachd mapa Ùghdarras a’ Chabhlaich (1863) gin den dà ainm sin, ach fiù ’s ainm eile: Stenchol I. Mar sin, tha trì ainmean eadar-dhealaichte a’ nochdadh airson an aon àite air mapaichean a chaidh fhoillseachadh taobh a-staigh 40 bliadhna. Dh’atharraich Ùghdarras a’ Chabhlaich an t-ainm gu Staffin I. ann an 1925, ach ghlèidh iad Stenchol ann an camagan.

’S e àitichean-tuineachaidh air tìr-mòr an Eilein Sgitheanaich a th’ ann an Stafainn (NG484675) agus Steinnseall (NG484677). Tha a thuar gu bheil ainmean an eilein ceangailte ris na h-àitichean sin. Chleachd Ùghdarras a’ Chabhlaich Stenchol I. fhad ’s a bha Stenchol ri fhaicinn air a’ mhapa cuideachd, agus Staffin I. nuair a chleachd iad Staffin air tìr-mòr.

Stenchol I. agus Stenchol air mapa Ùghdarras a’ Chablaich 2551 (1863)
Staffin I. (Stenchol) agus Staffin air mapa Ùghdarras a’ Chabhlaich 2551 (1925)
Dealbhan le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tha Eilean Fhlòdaigearraidh an-diugh cuideachd air ainmeachadh às leth baile a tha faisg air làimh air tìr-mòr an Eilein Sgitheanaich: Flòdaigearraidh (NG462716). Ach cha nochd an t-ainm sin air mapaichean ach san 20mh linn. ’S e Altavick a th’ aig Blaeu (1654) air agus ’s e sin an t-ainm a chleachdas mapaichean na 18mh is na 19mh linne cuideachd. ’S e Eilean Altavaig a bh’ aig ciad deasachadh mapa SÒ (1878) air fhathast, ach chaidh sin atharrachadh gu Eilean Flodigarry air dàrna deasachadh a’ mhapa (1904). ’S cuimhne le muinntir an àite an dà ainm sin fhathast. ’S cuimhne leotha cuideachd ainm eile: Eilean a’ Chinn Mhòir. Tha creag àrd aig aon cheann den eilean is an t-eilean air ainmeachadh às a leth le luchd-labhairt na Gàidhlig san sgìre.

Altavick agus Fladda air mapa Blaeu (1654). Dealbh le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

’S e ainmean Lochlannais a th’ ann an Altavaig agus Fladda. Tha tòrr ainmean Lochlannais ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, gu h-àraidh thairis air a’ chosta far am b’ àbhaist do na Lochlannaich a bhith a’ siubhail agus a’ tuineachadh. ’S e ainmean Lochlannais a th’ ann am Flòdaigearraidh, Stafainn agus Steinnseall cuideachd. Chleachd luchd-labhairt na Gàidhlig na h-ainmean-àite sin a bha stèidhichte mar-thà cuide ris an fhacal Gàidhlig eilean gus ainmean ùra chruthachadh: Eilean Fhlòdaigearraidh, Eilean Stafainn agus Eilean Steinnseall. ’S e tionndadh Beurla de dh’Eilean Stafainn a th’ againn air mapa SÒ an-diugh: Staffin Island. Agus tha ainm a tha gu tùr Gàidhlig againn airson fear de na h-eileanan: Eilean a’ Chinn Mhòir.

Chì sinn, ma-tà, gu bheil iomadh ainm air a bhith air an dà eilean bheag is iad air an ainmeachadh ann an cànain eadar-dhealaichte. Bheir na h-ainmean sealladh dhuinn air na cànain a bha agus a tha air an cleachdadh san sgìre.

Tùsan
PN1958.32. Cameron, Angus. Agallamh le James Ross. Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.
PN1970.29. Lamont, Lachlan. Agallamh le Iain Fraser. Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.
Scia. 2023. ‘Trotternish Place-Names’. Ann an Guthan Na Tìre: Ainmean-Àite Thròndairnis, 1–50.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • The Place Names of Edinburgh The Place Names of Edinburgh £25.00
  • Scottish Place-Name Papers Scottish Place-Name Papers £10.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}