• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

An eileamaid talamh ann an ainmean-àite

An Giblean 21, 2025, Rebecca Madlener

Tha ceangal làidir eadar ainmean-àite Gàidhlig agus an àrainneachd nàdarra. ’S e am facal talamh dìreach aon de na h-eileamaidean a bheireas an ceangal sin air shùilibh dhuinn. Aig ìre bunasach, tha talamh a’ ciallachadh ‘earth’ no ‘ground’. Ach bidh e ag ainmeachadh àiteachas cuideachd. Tha ainmean-àite leithid Talamh Aitich agus Talamh Chàl nan comharran air mar a tha daoine a’ cleachdadh nan àitichean air a bheil iad (Cox 2002, 96). Ged nach eil Talamh Aitich agus Talamh Chàl air an àiteachadh nas motha, mhair cuimhne man cleachdaidhean sna h-ainmean.

Bidh seann-talamh cuideachd ag ainmeachadh mar a b’ àbhaist do dhaoine a bhith a’ cleachdadh àitichean. Tha, mar eisimpleir, àitichean air a bheil Sean-talamh ann an Srath Eadhair (NN559160) agus anns an Eilean Sgitheanach (NR340659) agus nochdaidh seann-talamh na h-eileamaid shònrachaidh ann an ainmean leithid Tòrr an t-Seann-Talaimh ann am Muile (NM436233). Tha na h-ainmean seo ag innse dhuinn gum b’ àbhaist an talamh sin a bhith air àiteachadh, ach nach eil sin air a bhith a’ tachairt nas motha fad ùine mòire.

Sean Talamh ann an Srath Eadhair (NN559160) agus Tòrr an t-Seann-Talaimh ann am Muile (NM436233). Dealbhan le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Nochdaidh buadhairean eile maille ri talamh cuideachd gus innse dhuinn cò ris a tha an t-àite coltach. Tha àite ann am Bhatairnis san Eilean Sgitheanach ris an canar an Talamh Fuar. Chan eil an t-ainm sin ri fhaicinn air mapaichean, ach tha cuimhne aig muinntir an àite air fhathast. Nuair a chaidh daoine a ghluasad a-mach às na sean dachaighean aca aig àm nam fuadaichean, b’ e an Talamh Fuar an t-àite ùr a fhuair iad. Thug iad an Talamh Fuar air mar ainm air sgàth ’s cho duilich ’s a bha e ri àiteach.

Clàr-leabhraichean
Cox, Richard A. V. 2002. The Gaelic Place-Names of Carloway, Isle of Lewis: Their Structure and Significance. Dublin: School of Celtic Studies, Dublin Institute for Advanced Studies.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh £10.00
  • Arainn Arainn £4.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}