• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Ainmean-àite Gàidhlig ann an Canada

An Cèitean 13, 2025, Rebecca Madlener

’S iomadh rud a bheir daoine cuide leotha nuair a ghluaiseas iad gu dùthaich ùr – ainmean-àite nam measg. Sa bhloga seo, bheir sinn sùil air cuid de na h-ainmean-àite Gàidhlig a tha air an cleachdadh ann an Canada agus air na h-adhbharan a bh’ aig daoine airson na h-ainmean seo a chuir air àitichean san dùthaich ùr aca.

Gu tric, bheir daoine ainm na seann dachaighe aca air àite-fuirich ùr. ’S e sin, mar eisimpleir, na thachair ann an Gairloch, Pictou County. Thàinig daoine à Alba ann tràth sna 1800an agus thug iad Geàrrloch mar ainm air a’ bhaile ùr aca, às leth Geàrrloch ann an Alba. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu New Gairloch ~ Geàrr-Loch Ùr sna 1960an. Tha loch faisg air New Gairloch cuideachd. ’S e Gairloch Lake a th’ aca air, ge-tà, seach Loch Gairloch ~ Loch Geàrrloch mar a th’ againne ann an Alba.

Geàrrloch agus Loch Geàrrloch. Dealbh le ceud bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Seo agaibh eisimpleir eile de dh’ainm na seann dachaighe air a chleachdadh san àite-fuirich ùr: thuinich àireamh mhòr de Ghàidheil ann an Glengarry County, Ontario eadar 1773 agus 1853. Bha cuid dhiubh às dèidh a bhith a’ sabaid san Aramach Ameireaganach agus thàinig cuid eile gu dìreach à Alba is iad a’ sireadh àite-fuirich ùr às dèidh nam Fuadaichean. Thàinig tòrr dhiubh à Gleann Garadh agus às na sgìrean faisg air agus mar sin, ’s e sin an t-ainm a thug iad air an àite-fuirich ùr aca.

Ann an àitichean eile, bha buaidh aig coltas nan àitichean fhèin air na h-ainmean a thug daoine orra. ’S e sin na thachair ann an Tobermory, Ontario. B’ àbhaist ainmean eile a bhith air a’ bhaile: Collins Harbour ann an 1820 agus Townplot of Bury ann an 1855. Gidheadh, bha na h-iasgairean Albannach den bheachd gun robh an t-àite glè choltach ri Tobar Mhoire ann am Muile. Mar sin, ’s e sin an t-ainm a thug iadsan air agus ’s e sin an t-ainm a mhair air a’ bhaile.

Tobar Mhoire ann am Muile

Clàr-leabhraichean
‘New Gairloch’. Gun deit. Pictou County. https://pictoucounty.net/new-gairloch.php. [air a chleachdadh 05/05/2025]
Wills, Elspeth. 2016. Abbotsford to Zion: The Story of Scottish Place-Names Around the World. Edinburgh: Birlinn.

Am post mu dheireadh/roimhean ath phost

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh £10.00
  • Arainn Arainn £4.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}