Tuairisgeul
Jacob King
An do ghabh thu iongnadh riamh mu na h-ainmean-àite a tha a’ nochdadh air botail uisge-beatha Albannach? Dè na cànanan às an tàinig na h-ainmean, dè tha iad a’ ciallachadh agus a bheil àiteachan den leithid fhathast ann? Mur eil fhios agad far am faigh thu fiosrachadh mar seo, seo an leabhar earbsach is fiosrachail dhut. Anns na duilleagan seo, gheibh thu fiosrachadh mu thùs agus nàdar nan ainmean seo.
Tha an leabhar seo a’ beachdachadh air gach ainm-àite a tha co-cheangailte ri uisge-beatha na h-Alba ann an dòigh air choreigin, an dàrna cuid mar ainm an uisge-beatha fhèin, no mar ainm an taigh-staile. Tha an t-ùghdar a’ toirt seachad deasbad fiosrachail air tùs, eachdraidh agus atharrachadh an ainm bho shealladh cànain is eachdraidheil airson gach ainm-àite. Tha e cuideachd a’ toirt dhuinn cruth tràth de gach ainm, a’ bhrìgh thùsail aige (far a bheil sin aithnichte) agus am fuaimneachadh ceart. Tha e cuideachd air fiosrachadh annasach a chur ann mu chuid de na h-ainmean, mar eisimpleir, seann-fhacal no earrann bàrdachd a tha a’ toirt iomradh air an ainm. Chan fheum eòlas cànain no ionadail sònraichte a bhith agad.
A bharrachd air sin, tha ro-ràdh ann do dhaoine nach eil nan speisealach mu na diofar chànanan ann an Alba: Gàidhlig, Scots, Beurla, Lochlannais agus Cruithnis. Tha liosta shlàn ann de na tùsan a chaidh a chleachdadh, cho math ri leas-phàipear a’ comharrachadh cuid de thaighean-staile ‘caillte’. Tha bogsaichean fiosrachaidh sgapte air feadh an leabhair mu chuspairean co-cheangailte, leithid ainmean Inbhir- agus Obair- agus ainmean ath-bhriathrach (tautological).
Mar neach-rannsachaidh ainmean-àite proifeasanta, tha an t-ùghdar air dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh san leabhar seo a’ tighinn bho phrìomh thùsan (mòran dhiubh nach deach fhoillseachadh) agus rinn e rannsachadh mionaideach, gus an urrainn dhan leughadair eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ainmean fìor agus ainmean meallta.
Cha robh ùidh riamh cho mòr ann an uisge-beatha Albannach, sa Ghàidhealtachd, sa Ghàidhlig, san Scots agus ann an ainmean-àite, agus tha iarrtas a’ sìor fhàs airson leabhraichean earbsach air na cuspairean sin. Seo leabhar fiosrachail is spòrsail a tha a’ suidheachadh inbhe airson ainmean-àite co-cheangailte airson uisge-beatha.





Lèirmheasan
Chan eil lèirmheas sam bith ann fhathast.