Leabhraichean
- 
	 A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd£0.00Tha dlùth-chàirdeas eadar a’ Ghàidhlig agus tìr bhrèagha taobh an Iar-thuath na h-Alba. Ged a chuir luchd-labhairt chànanan eile ri dualchas ainmean-àite na sgìre, tha Gàidhealtachd an Iiar-thuath fhathast mar a bha i fad iomadh linn – na dùthaich Ghàidhealach. Chan eil lethbhreacan cruaidh den leabhran seo ri fhaighinn tuilleadh ach tha e ri fhaighinn mar PDF fhathast – A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd. 
- 
	 A’ Ghàidhlig is Lochlannais air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite ann an Gallaibh, Cataibh is Dùthaich MhicAoidh£0.00Anns an leabhran seo, tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt dhuinn blasad de dhualchas nan ainmean-àite Gàidhlig is Lochlannach ann an ceann a tuath na h-Alba. Chan eil lethbhreacan cruaidh den leabhran seo ri fhaighinn tuilleadh ach tha e ri fhaighinn mar PDF fhathast – A’ Ghàidhlig is Lochlannais air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite ann an Gallaibh, Cataibh is Dùthaich MhicAoidh. 
- 
	 Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd£0.00Tha an leabhar-iùil seo air ainmean-àite baile mòr is sgìre Inbhir Nis a’ taisbeanadh dualchas cultarail is nàdarra prìomh bhaile mòr na Gàidhealtachd tro ainmeachadh is mìneachadh iomadh ainm-àite san sgìre. Tha e air a rannsachadh is a sgrìobhadh leis an sgeulaiche is neach-chraolaidh chliùiteach Ruairidh MacIlleathain, a tha na eòlaiche air na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig is an àrainneachd. Tha an leabhran seo an-asgaidh mar PDF: Ainmean-àite ann an sgìre prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Tha cuid lethbhreacan cruaidh rim faighinn an-asgaidh, ’s urrainn dhuinn fear a chur thugad tron phost airson na cìse puist freagarrach. 
- 
	 Arainn£4.00An “Island Series” map of Arran with all placenames shown in modern Scottish Gaelic 
 Dlighe-sgrìobhaidh, bun-bheachd is deasachadh Roy N Pedersen 1979Thoir an aire gu bheil na mapaichean seo air am pasgadh airson dol sa phost. Mas e gum b’ fheàrr leibh mapa gun pasgadh cuir fios thugainn airson prìs post ann an tiùb oir bidh seo nas daora. 
- 
	 Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh£10.00Mapa de dh’ainmean-àite ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh air clùd-soithichean air a chruthachadh le Gàidhlig DumGal ann an com-pàirteachas le Ainmean-Àite na h-Alba. 
- 
	 Gàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite Èirisgeigh£0.00Seo an còigeamh leabhran anns an t-sreath de leabhranan ainmean-àite a tha sinn air sgrìobhadh airson Dualchas Nàdair na h-Alba, foillsichte ann an 2019. Tha an leabhran seo an-asgaidh mar PDF – A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-Àite Èirisgeigh. Tha cuid lethbhreacan cruaidh rim faighinn an-asgaidh, ’s urrainn dhuinn fear a chur thugad tron phost airson na cìse puist freagarrach. 
- 
	 Leodhas agus na Hearadh£4.00An “Island Series” map of Lewis and Harris with all placenames shown in modern Scottish Gaelic 
 Dlighe-sgrìobhaidh, bun-bheachd is deasachadh Roy N Pedersen 1985Thoir an aire gu bheil na mapaichean seo air am pasgadh airson dol sa phost. Mas e gum b’ fheàrr leibh mapa gun pasgadh cuir fios thugainn airson prìs post ann an tiùb oir bidh seo nas daora. 
- 
	 Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson£20.00Air a dheasachadh leis an Dr Jacob King. Tha an leabhar seo a’ toirt còmhla airson a’ chiad uair stuth foillsichte agus neo-fhoillsichte MhicDhonnchaidh mu ainmean-àite. Tha prìomh earrainn an leabhair na dhà phàirt. Tha a’ chiad phàirt a’ gabhail a-steach nan artaigealan ainmean-àite aige a chaidh fhoillseachadh roimhe agus an fheadhainn nach deach fhoillseachadh chun a seo. Anns an dàrna pàirt, gheibhear tar-sgrìobhaidhean de na leabhraichean-nòtaichean aige mu ainmean-àite, agus iad gun fhoillseachadh roimhe. Tha barrachd air ochd mìle gu leth ainm-àite Gàidhlig annta, le beul-aithris a’ buntainn riutha agus nòtaichean cànanach a chlàr e. Tha ro-ràdh cuimseach anns an leabhar a chuireas an obair ann an co-theacsa, agus clàr-amais iomlan cuideachd. 
- 
	 Scottish Place-Name Papers£10.00William J. Watson Tha an leabhar seo na chruinneachadh de phàipearan acadaimigeach air ainmean-àite na h-Alba leis an Àrd-ollamh Uilleam MacBhatair, a chaidh fhoillseachadh ann an 2002. Tha an leabhar a’ toirt còmhla mòran de na sgrìobhaidhean cudromach aige air a’ chuspair, a bha sgapte ann an diofar àiteachan roimhe. Tha e a’ toirt dhuinn sealladh air cho cudromach ’s a tha ainmean a thaobh eachdraidh, cànain is cultair, le tòrr de na h-ainmean a’ nochdadh buaidhean Ceilteach, Lochlannach is eile. 
- 
	 The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention£16.99Jacob King An do ghabh thu iongnadh riamh mu na h-ainmean-àite a tha a’ nochdadh air botail uisge-beatha Albannach? Dè na cànanan às an tàinig na h-ainmean, dè tha iad a’ ciallachadh agus a bheil àiteachan den leithid fhathast ann? Mur eil fhios agad far am faigh thu fiosrachadh mar seo, seo an leabhar earbsach is fiosrachail dhut. Anns na duilleagan seo, gheibh thu fiosrachadh mu thùs agus nàdar nan ainmean seo. 
- 
	 The Place Names of Edinburgh£25.00Stuart Harris Tha an leabhar mòr, cruth-atharrachail seo a’ gabhail a-steach ainmean, sean is ùr, aig na mìltean de shràidean, rathaidean, bailtean-beaga, beanntan agus àiteachan eile taobh a-staigh Dùn Èideann an latha an-diugh — sgìre de chòrr is ceud is còig mìle ceàrnagach. Anns an leabhar-iomraidh cudromach seo, tha Stuart Harris a’ coimhead air cuin, ciamar agus carson a nochd gach ainm, agus air mar a tha ainmean air atharrachadh bhon uair sin. 
- 
	 Reicte! Reicte!Tìr Chaluim Chille£8.50Mapa bho cheann a deas na h-Èireann gu ceann a tuath na h-Alba 
 Dlighe-sgrìobhaidh Iomairt Cholm Chille 2003
 Bun-bheachd is deasachadh Roy N Pedersen
- 
	 Tiriodh agus Colla£4.00An “Island Series” map of Tiree and Coll with all placenames shown in modern Scottish Gaelic 
 Dlighe-sgrìobhaidh, bun-bheachd is deasachadh Roy N Pedersen 1984Thoir an aire gu bheil na mapaichean seo air am pasgadh airson dol sa phost. Mas e gum b’ fheàrr leibh mapa gun pasgadh cuir fios thugainn airson prìs post ann an tiùb oir bidh seo nas daora. 
- 
	 Gàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite Cholbhasa agus Orasa£0.00Seo an ceathramh leabhran anns an t-sreath de leabhranan ainmean-àite a tha sinn air sgrìobhadh airson Dualchas Nàdair na h-Alba, foillsichte ann an 2017. Tha an leabhran seo an-asgaidh mar PDF – A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Cholbhasa agus Orasa. Tha cuid lethbhreacan cruaidh rim faighinn an-asgaidh, ’s urrainn dhuinn fear a chur thugad tron phost airson na cìse puist freagarrach. 
- 
	 Reicte! Reicte!A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-Àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach£0.00Seo an treas leabhran anns an t-sreath de leabhranan ainmean-àite a tha sinn air sgrìobhadh airson Dualchas Nàdair na h-Alba, foillsichte ann an 2015. Chan eil lethbhreacan cruaidh den leabhran seo ri fhaighinn tuilleadh ach tha e ri fhaighinn mar PDF fhathast – A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-Àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach. 
- 
	 A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Garbh-Chrìochan Loch Abar£0.00Seo an dàrna leabhran anns an t-sreath de leabhranan ainmean-àite a tha sinn air sgrìobhadh airson Dualchas Nàdair na h-Alba, foillsichte ann an 2013. Tha an leabhran seo an-asgaidh mar PDF – A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Garbh-Chrìochan Loch Abar. Tha cuid lethbhreacan cruaidh rim faighinn an-asgaidh, ’s urrainn dhuinn fear a chur thugad tron phost airson na cìse puist freagarrach. 
- 
	 A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-àite ann an Ìle agus Diùra£0.00Seo a’ chiad leabhran anns an t-sreath de leabhranan ainmean-àite a tha sinn air sgrìobhadh airson Dualchas Nàdair na h-Alba, foillsichte ann an 2011. Tha an leabhran seo an-asgaidh mar PDF – A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre – Ainmean-Àite ann an Ìle agus Diùra. Tha cuid lethbhreacan cruaidh rim faighinn an-asgaidh, ’s urrainn dhuinn fear a chur thugad tron phost airson na cìse puist freagarrach. 

