• English
  • Gàidhlig
  • Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Skip to footer
  • Mo Chunntas
  • Air Adhart
  • Cairt
  • English
Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios

Mu Ainmean-Àite na h-Alba

’S e Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson Ainmean-Àite Gàidhlig ann an Alba. Mar phàirt den obair againn, bidh sinn a’ cleachdadh eòlas ionadail, ealantas eachdraidheil agus prionnsapalan stèidhichte gus riochdan freagarrach de dh’ainmean-àite Gàidhlig a mholadh airson soidhnichean, mapaichean agus stuthan foillsichte eile. Gheibhear a’ bhileag fhiosrachaidh againn an seo.

Is iad amasan agus cuimsean com-pàirteachas AÀA:

  1. Riochdan ùghdarrasail de dh’ainmean-àite Gàidhlig air feadh Alba a dhaingneachadh, le rannsachadh an dà chuid air seann riochdan agus air cleachdadh an latha an-diugh.
  2. Litreachadh cunbhalach Gàidhlig a chleachdadh ann an ainmean-àite.
  3. Cleachdach nan riochdan Gàidhlig seo a bhrosnachadh.
  4. Stòr-data nàiseanta de riochdan Gàidhlig a stèidheachadh.
  5. Stòr-data nàiseanta ainmean-àite Gàidhlig air loidhne a chruthachadh ann an ceumannan.
  6. Brosnachadh is cothrom a thoirt dhan phoball an stòr-data nàiseanta a chleachdadh.
  7. Comhairle a thoirt seachad mu bhriathrachas air soidhnichean anns a bheil ainmean-àite.

’S e stòras meadhanaichte a th’ ann an stòr-dàta nàiseanta AÀA airson ainmean-àite Gàidhlig, agus an fhianais air cùl nam molaidhean, a ghleidheadh is a bhrosnachadh. ’S e goireas oideachail, luachmhor a th’ anns an stòr-data agus ’s e stòras ionmholta a th’ ann airson dualchas eachdraidheil, àrainneachdail agus cànanach na h-Alba.

Tha com-pàirtichean AAA a’ gabhail a-steach cuid de phrìomh eòlaichean agus luchd-cleachdaidh ainmean-àite na Gàidhlig:

  • Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid
  • Bòrd na Gàidhlig
  • Comhairle nan Eilean Siar
  • Comhairle na Gàidhealtachd
  • Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean
  • Àrainneachd Eachdraidheil Alba
  • An t-Suirbhidh Òrdanais
  • Riaghaltas na h-Alba
  • NàdairAlba
  • Pàrlamaid na h-Alba
  • Comann Ainmean-Àite na h-Alba
  • Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Tha AÀA air a ruith le comataidh de riochdairean bho gach com-pàirtiche, agus air a mhaoineachadh sa phrìomh àite le Bòrd na Gàidhlig. Tha an taic seo a’ leigeil le AÀA seirbheisean a thabhann aig cosgais fada nas ìsle. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na seirbheisean againn an seo.

Mar a thòisich Ainmean-Àite na h-Alba

Ann an 2000 thug An t-Suirbhidh Òrdanais fa-near gun robh cuid de na h-ainmean-àite Gàidhlig air na mapaichean aca ceàrr, agus uaireannan neo-chunbhalach thar nan diofar sgèilean de na mapaichean. Thàinig seo gu bith seach gun deach a’ mhòr-chuid de dh’ainmean nam feartan nàdarra a chruinneachadh san 19mh linn, agus an ath-sgrùdadh a rèir siostam litreachaidh Gàidhlig deireadh nan seasgadan is toiseach nan seachdadan. Chaidh barrachd àth-sgrùdaidh a dhèanamh bhon uair sin.

Chaidh co-chomhairle a chumail le grunn eòlaichean: Dr Roy Wentworth, An t-Oll. Richard A. V. Cox, An t-Oll. W.F.H Nicolaisen, Mgr Iain Friseal, Dr Peadar Morgan, An t-Oll. David Munro, Dr Iain R White agus Dr Simon Taylor. Dh’aontaich iad gum bu chòir dhan t-Suirbhidh Òrdanais Comataidh Comhairleachaidh Ainmean Gàidhlig a chur air bhonn. Chumadh a’ chiad choinneamh san Iuchar 2000.

Anns an t-Samhain 2000 sgrìobh an t-Suirbhidh Òrdanais Poileasaidh Ainmean Gàidhlig (Ùraichte 2015). Tha seo a’ toirt seachad frèam airson cleachdadh an t-Suirbhidh Òrdanais a thaobh ainmean Gàidhlig. Tha duilleagan air làrach-lìn an t-Suirbhidh Òrdanais a tha a’ toirt barrachd mìneachaidh mu cheistean a’ buntainn ri ainmean Gàidhlig sna batharan aca, m.e. Taylor 2005 anns a bheil clàr-mìneachaidh de na h-eileamaidean ainmean-àite Gàidhlig air na mapaichean aca. Tha fiosrachadh cuideachd air an làraich-lìn mu sgaoileadh nan ainmean-àite Gàidhlig. Bhrosnaich an t-Suirbhidh Òrdanais leasachadh Comataidh Comhairleachaidh Ainmean Gàidhlig, ag aithneachadh gum biodh iomadh buannachd an lùib stòr-data ùghdarrasail ainmean-àite Gàidhlig.

Ann an 2003, nuair a thòisich Riaghaltas na h-Alba poileasaidh soidhnichean-rathaid dà-chànanach sa Ghàidhealtachd an Iar, chaidh iarraidh air Comataidh Comhairleachaidh nan Ainmean Gàidhlig na h-ainmean Gàidhlig a rannsachadh airson nan soidhnichean.

Ann an 2005, ghabh an t-Suirbhidh Òrdanais prògram pìolatach os làimh gus na h-ainmean-àite Gàidhlig san dàta aca ath-sgrùdadh is ùrachadh. Chuir builean a’ phrògraim phìolataich seo fios ri obair-leasachaidh air  Poileasaidh nan Ainmean Gàidhlig, gus dèanamh cinnteach gun robh cunbhalachd sna h-ainmean thar batharan an t-Suirbhidh Òrdanais.

Mar a bha dreuchd Comataidh Comhairleachaidh nan Ainmean Gàidhlig a’ leudachadh, chaidh àth-structaradh ann an 2006 gus com-pàirteachas Ainmean-Àite na h-Alba a chruthachadh. Bha iarrtasan a’ sìor thighinn gu AÀA gus rannsachadh a dhèanamh air ainmean-àite Gàidhlig airson soidhnichean sràide, togalaich is ceuma dà-chànanach, agus comhairlean is buidhnean poblach eile a’ cur nam Planaichean Cànain Gàidhlig aca an gnìomh. Ann an 2008 bha dithis luchd-obrach aig AÀA, Manaidsear Pròiseict agus Neach-rannsachaidh. Ann an 2010, chaidh stòr-data nàiseanta ainmean-àite Gàidhlig AÀA a chur air bhog air loidhne agus thathar ga ùrachadh fhathast. Bho 2012 tha AÀA air grunn leabhranan a sgrìobhadh ann an com-pàirteachas le Dualchas Nàdair na h-Alba agus Soillse, gach leabhran a’ coimhead air sgìre shònraichte ann an Alba. Ann an 2015 bhuannaich AÀA Duais Choimhearsnachd, Dualchais is Turasachd aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson an treas leabhran aca le Dualchas Nàdair na h-Alba, ‘A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre, Ainmean-Àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach’.

Primary Sidebar

MAPA OS

Fàilte dhan mhapa digiteach aig an Suirbhidh Òrdanais (OS). Bathar-bog fosgailte a ’s urrainn dhuibh ... Buanaich about Mapa OS

Ar Bathar

  • Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh Clùd-soithichean Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh £10.00
  • Arainn Arainn £4.00

Naidheachdan

Na h-eileamaidean geodha agus òb ann an ainmean-àite an Eilein Sgitheanaich

Footer

Ainmean-Àite na h-Alba

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

+44 (0) 7598 986 152
fios@ainmean-aite.scot

Ceanglaichean Feumail

  • Mu Ainmean-Àite na h-Alba
  • Mar a chleachdas tu lorg
  • Prìs is Fios Mhalairteach
  • Poileasaidh Prìobhaideachd
  • Poileasaidh Criomagan
  • Poileasaidhean Eile
  • Teirmichean is Cumhaichean
  • English

Prìomh chlàr

  • Dachaigh
  • Mapa So-Sgrùdaidh
  • Goireasan
    • Liostaichean Ainm-àite
    • Mapaichean
    • Rannsachadh
    • Mapa OS
    • Liosta Leughaidh
    • Poileasaidh Ainmean-Àite
    • Giorrachaidhean Ainm-eòlais
    • Pàipearan Acadaimigeach
    • Ceanglaichean
  • Bùth
    • Sheirbheisean
    • Ballrachd Corporra
    • Leabhraichean
  • Naidheachdan
  • Cuir Fios
  • English

Lorg

Lean sinn

  • Email
  • Facebook
  • Twitter

Copyright © 2025 Ainmean-Àite na h-Alba. All rights reserved. Website by Lumberjack Digital

Manage Cookie Consent
We use cookies to optimise our website and our service.
Functional cookies Always active
The technical storage or access is strictly necessary for the legitimate purpose of enabling the use of a specific service explicitly requested by the subscriber or user, or for the sole purpose of carrying out the transmission of a communication over an electronic communications network.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access is necessary for the legitimate purpose of storing preferences that are not requested by the subscriber or user.
Statistics (anonymous)
The technical storage or access that is used exclusively for statistical purposes. The technical storage or access that is used exclusively for anonymous statistical purposes. Without a subpoena, voluntary compliance on the part of your Internet Service Provider, or additional records from a third party, information stored or retrieved for this purpose alone cannot usually be used to identify you.
Marketing
The technical storage or access is required to create user profiles to send advertising, or to track the user on a website or across several websites for similar marketing purposes.
Manage options Manage services Manage {vendor_count} vendors Read more about these purposes
View preferences
{title} {title} {title}